Rugadh Ceitidh Mhoireasdan, Ceitidh Dhòmhnaill Dhonnchaidh, ann am Malacleit, ann an Uibhist a Tuath, 26 Cèitean, 1946. B' i Ciorstaidh Anna NicFhionghain, Ciorstaidh Anna Aonghais Uilleim, à Malacleit, bu mhà thair dhith. Chaidh i a' Bhun-sgoil Dhùn Sgealair, Sgoil Cheann a' Bhà igh agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.
An dèidh na sgoile fhà gail chaidh i a dh'obair do mheur de dh'Oifig a' Phuist, ann an Ceà rnag Dhèorsa, ann am meadhan Ghlaschu, an sàs ann an obair cunntais.
Ann an 1967 phòs Ceitidh agus Sam Moireasdan às an Òb, na Hearadh agus tha triùir chloinne aca, nighean agus dithis ghillean.
Nuair a rà inig a' chlann aois sgoile chaidh Ceitidh a dh'Oilthigh Ghlaschu, far an robh i ag ionnsachadh Beurla, Eachdraidh Alba, Gà idhlig, Ceiltis, Foghlam agus Feallsanachd. An dèidh ceumnachadh chaidh i do Cholaiste Chnoc Iòrdan far an d' fhuair i teisteanas airson teagaisg à rd-sgoil is bun-sgoil ann am Beurla agus Gà idhlig.
'S e obair bun-sgoile a fhuair i an toiseach agus sin a lean i, an toiseach ann a' Shawlands, an uair sin bliadhna anns na Gorbals, agus mu dheireadh ochd bliadhna deug ann an Drumoyne, a' teagasg clann aig ceann shuas na bun-sgoile.
Ann an 2005, ceithir bliadhna an dèidh a dreuchd a leigeil dhith, ghluais iad gu Wanlockhead, ann an ceann a deas Siorrachd Lannraig, airson a bhith faisg air an nighean.
Fad bhliadhnaichean agus fhathast tha Ceitidh air a bhith an sàs ann am prògraman rèidio agus telebhisean, gu h-à raidh a' sgrìobhadh òrain airson prògraman chloinne.
Bidh i ri bà rdachd agus choisinn i duais na bà rdachd aig Mòd Nà iseanta Rìoghail Loch Abair ann an 1985. Còmhla ri Ceana Chaimbeul, sgrìobh i Cadal Cuain, a chuir Alba air adhart gu co-fharpais nan òran ùr aig Fèis Pan-Cheilteach Chill Àirne. Seo cuideachd an t-òran bhon tug an clà r aig Catrìona Watt an t-ainm.
Choisinn Donna Mhoireach, nighean a peathar Criosaidh, am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs, aig a' Mhòd ann an 2001.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.