Cha Tèid mi Choir Odhar

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Evelyn Chaimbeul.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Evelyn Chaimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Cha tèid mi Choir Odhar
Tha 'n latha 'n-diugh fuar,
Cha tèid mi Choir Odhar
Tha 'n latha 'n-diugh fuar;
Cha tèid mi Choir Odhar
Tha 'n latha 'n-diugh fuar,
'S air eagal nan gillean
Bhi 'n iomall nam bruach.

O, falbhaidh mi 's fĂ gaidh mi
FĂ sach nan aighean,
O, falbhaidh mi 's fĂ gaidh mi
FĂ sach nan aighean;
O, falbhaidh mi 's fĂ gaidh mi
FĂ sach nan aighean,
Agus bheir mi 'n rĂ ith geamhraidh
'S a' ghleann 's am bith 'n cea'ch.

Gu dè a nÏ mise
Ma dheoghail na laoigh?
Gu dè a nÏ mise
Ma dheoghail na laoigh?
Gu dè a nÏ mise
Ma dheoghail na laoigh?
Mar a tèid mi am falach
Fo bharrach nan craobh.

Sgeulachd an Òrain

Tha an t-òran seo ri lorg anns a' chruinneachadh òrain a rinn Alasdair MacDhòmhnaill a rugadh an Gleann Moireasdan air 4 Sultain, 1860. Bha e do shliochd Alasdair Bhuidhe, aon de sheachd fhir Ghlinn Moireasdan a rinn cobhair air Prionnsa Teàrlach nuair a bha e fon choill an dèidh Blàr ChÚil Lodair.

Bha e ag obair na neach cunntais ach bhuineadh e do dhaoine aig an robh mòran de sheann bheul-aithris. Rud sam bith a chuala e fiÚ aon uair, tha a h-uile coltas gun cumadh e air chuimhne e. Dh'fhoillsich e cuid de na sgeulachdan agus na h-òrain a chuala e anns an leabhar Story and Song from Loch Ness Side (Inbhir Nis, 1914).

Ann am prògram a rinn e don BhBC mu chruinneachadh an Dòmhnallaich, thuirt an sgoilear an t-Urramach Uilleam MacMhathain:

"Ged tha mòran òrain an clò ann a' leabhraichean, feumar cuimhneachadh gur ann air an dealbh dhan bheul a sheinneas agus dhan chluais a dh'èisteas a tha mòran dhiÚ, agus a chionns gu bheil an dà thaobh sin orra nach bu choir an sgaradh o chèile, na briathran agus an ceòl.

Ach mu choinneamh na ficheadan a sgrÏobhadh na briathran cha robh iad ach tearc a dhèanadh an aon rud dhan cheòl, agus tearc buileach a dhèanadh gu math e. Tha na mÏltean sreath de bhàrdachd againn an clò ann a' leabhraichean ach gun lorg idir air a' cheòl a bha dol nan cois.

Ged nach eil aon phung ciÚil as an leabhar bha ealain aig an Dòmhnallach air ceòl a sgrÏobhadh agus tha mòran de sheann òrain Ghàidhlig maille lem fuinn am measg nam pàipearan a dh'fhàg e."

'S ann às na pàipearan sin a thàinig fonn an òrain seo. Chaidh leabhar eile le Alasdair Dòmhnallach air a bheil an tiotal Coinneach 'us Coille fhoillseachadh an 1895.

Chaochail e ann an 1928.

Seinneadairean / Performers

Evelyn Chaimbeul

Evelyn Chaimbeul

Rugadh Evelyn Chaimbeul (Jeffrey) ann an Glaschu air 13 Ògmhìos, 1922. Bha a h-athair, Dòmhnall Caimbeul à Cros ann an Nis, na dhotair ann an ...

Fiosrachadh air Evelyn Chaimbeul / Learn more about Evelyn Chaimbeul

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now