
Rugadh Evelyn Chaimbeul (Jeffrey) ann an Glaschu air 13 ĂgmhĂŹos, 1922. Bha a h-athair, Dòmhnall Caimbeul Ă Cros ann an Nis, na dhotair ann an Denny, ann an Siorrachd Shruighlea, aig an Ă m. B' i MĂ iri NicRath, Ă Port Mholair anns an Rubha an Leòdhas, a mĂ thair. Tha brĂ thair, Calum, agus piuthar, Nanna, aig Evelyn.
Nuair a bha i trÏ mÏosan a dh'aois ghluais an teaghlach a Leòdhas far an robh a h-athair air obair fhaighinn na dhotair air na Lochan. Bha iad a' fuireach airson greis ann an Ceòs agus an dèidh sin ann an LiÚrbost. Chaidh i do Bhunsgoil Chnoc Iain Duibh agus an dèidh sin do Sgoil MhicNeacail.
Nuair a bha i ceithir bliadhna deug chaidh i do Sgoil St Dennis ann an DĂšn Ăideann. 'S ann an sin a dh'fhĂ s e soilleir gu robh guth seinn sònraichte aice. Bha i fhèin ag iarraidh a bhith na nurs neo a dhol don Sgoil Chòcaireachd, ach mhol an luchd-teagaisg gu lĂ idir dha pĂ rantan gum bu chòir dhi ceòl ionnsachadh.
Bha guth math seinn aig a h-athair. Bhiodh e a' seinn aig cèilidhean agus bha e na phÏobaire math cuideachd. Nuair a bha e òg, mus tug e a-mach an dotaireachd, bha e ann an Còmhlan PhÏobairean Auckland.
Fhuair Evelyn oideachadh ann an ceòl le Joyce Fleming agus Ruth D' Arcy Thomson. Thug iadsan air adhart a comas air seinn gu mòr, ga misneachadh gu bhith na prÏomh sheinneadair 's gun i ach beagan is fichead bliadhna a dh'aois.
Ann an 1948 chaidh i a Lunnainn airson dà bhliadhna trèanaidh agus fhuair i L.R.A.M., Licentiate of the Royal Academy of Music. Am measg an luchd-teagaisg a bha aice an sin bha Ealasaid Schuman. Nuair a chrÏochnaich Evelyn a trèanadh fhuair i cuireadh a dhol an lÚib dà chompanaidh opara, Sadler's Wells agus Carl Rosa. An dèidh Úine ghoirid an sàs ann an opara bha e follaiseach dhi gun còrdadh e fada na b' fheà rr rithe a bhith seinn aig nan consairtean agus thill i a dh'Alba airson sin a dhèanamh.
Beag air bheag sgaoil a cliÚ fad is farsaing, chan ann a-mhà in airson seinn sa Gà idhlig ach ann am Beurla, Gearmailtis agus Fraingis cuideachd. Bha fèill mhòr oirre air feadh na dÚthcha.
Aig partaidh aon oidhche chuala i guth à lainn fireannaich agus mar a thuirt i fhèin "Choinnich mi a ghuth agus phòs sinn." Bha Anndra Jeffrey air a bhith an lÚib nan Gurkha anns a' chogadh agus an dèidh sin thòisich e ag obair ann an gnÏomhachas pà ipear anns na h-Innsean. An dèidh dhaibh pòsadh ann an 1951 chaidh iad do na h-Innsean airson còig bliadhna. Lean Evelyn oirre a' seinn fad 's a bha iad anns na h-Innsean anns a' Mhessiah agus aig iomadh consairt clasaigeach.
An dèidh tilleadh rinn iad an dachaigh ann an DĂšn Ăideann agus bha bliadhnaichean trang dha-rĂŹreabh aig Evelyn a' seinn na h-aonar agus airson greis, bho mheadhan nan trĂŹ ficheadan, còmhla ri Seinneadairean DhĂšn Ăideann - Seonag NicChoinnich, Iona NicDhòmhnaill agus MĂ iri Sandeman. Bha Seonag na tidsear air leth dhi agus tha Evelyn a' sònrachadh Sheonaig agus Uilleam MacMhathain, mar an dithis a dh'ionnsaich dhh na tha fhios aice mu sheann òrain GhĂ idhlig.
A bharrachd air a bhith nochdadh air à rd-Úrlar rinn Evelyn mòran phrògraman còmhla ris a' BhBC agus STV.
Ann an 1970, nuair a dhÚin an companaidh aig an robh Anndra ag obair, fhuair e obair ann an Algeria agus bha Evelyn còmhla ris anns an dÚthaich sin airson trÏ bliadhna.
An dèidh tilleadh à Algeria fhuair i cuireadh seinn anns an Albert Hall a' Lunnainn agus tha à ite sònraichte aig a' chuirm-chiÚil sinn na cuimhne mar 's dòcha an oidhche a b' fheà rr a bh' aice air à rd-Úrlar. Mun à m sin cuideachd sheinn i anns an Usher Hall agus bhòidich i an dèidh an dà oidhche shoirbheachail sin gu sguireadh i sheinn aig à irde a comais, agus 's e sin a rinn i.
Bha aon nighean, Susan, aig Evelyn agus Anndra agus tha i pòsta ann am Madrid. Sin far am bi Evelyn a' cur seachad a' gheamhraidh.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.