Coill' an FhĂ saich

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacPhilip agus air a sheinn le: Fionnlagh MacNèill, Mairead Hulse agus Màiri NicAonghais.

This is a song written by: Dòmhnall MacPhilip and sung by: Fionnlagh MacNèill, Mairead Hulse and Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ri taobh Coille an FhĂ saich feasgar Ă ghmhor leam fhĂŹn,
Bha na h-eòin air na crannaibh 's iad ri caithream gu binn;
Gu robh sĂŹth air an Eilean fad mo shealladh mun cuairt,
'S bha mo smuaint air mo chĂ irdean a bha tĂ mh leam ann uair.

O nach prìseil leam Hàllain sìos gu bàgh na h-Àird Mhòir;
Air a thràigh bha sinn daonnan cheart cho aotrom ri eòin,
Ach a-nis chan eil mànran, fealla-dhà ann no spòrs,
'S far do chluich sinn air leacan an-diugh caidlidh na ròin.

SÏos a deas air an àirde chÏ mi sgàile de sgleò,
Mar brèid geal air sgaoileadh air bÚird aosta MhicLeòid;
'S e na neòil bhith gun ghruaimean a dh'fhàg suain air gach àit',
'S chĂŹ mi faileas nam bruachan an ceann shuas Loch a' BhĂ igh.

ChÏ mi cuimhneachan sgrÏobhte air an linn nach eil beò
Anns gach tobht' agus gàrradh, gach càrn agus crò,
Anns gach Ă irigh th' air monadh agus cairidh th' air trĂ igh,
Nach gabh leughadh le coigreach mun a' chuideachd a dh'fhĂ g.

Chan eil feum dhomh bhith 'g ionndrainn luchd mo rĂšin as an uair;
Mar a bha iad, tha sinne, tacan goirid air chuairt;
Ach nach sona mar bha iad rè an làithean gun ghò,
Air bheag chÚraim no èislein ann an Eilean a' Cheò.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha iomradh air beatha agus bàrdachd agus òrain Dhòmhnaill Mhic 'Ilip anns an leabhar Coille an Fhàsaich a dheasaich Anna Latharna NicGillìosa. Chaidh fhoillseachadh le Brìgh ann an Dunlop, Siorrachd Àir ann an 2008.

Seinneadairean / Performers

MĂ iri NicAonghais

MĂ iri NicAonghais

Rugadh MĂ iri NicAonghais air 15 LĂšnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air MĂ iri NicAonghais / Learn more about MĂ iri NicAonghais
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Mairead Hulse

Mairead Hulse

Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh làtha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a màthair, Mairead Iain ...

Fiosrachadh air Mairead Hulse / Learn more about Mairead Hulse

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now