
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' coimhead às dèidh na solais a bha nan comharran aig seòladairean air Abhainn Chluaidh. B' i Peigi Là ta, Peigi NicLeòid bu mhà thair dhà . 'S ann do na Geà rrannan, ann a' Leòdhas a bhuineadh a dhithis phà rantan, le teaghlach a mhà thair a' fuireach aig Àireamh 3 agus teaghlach athar aig Àireamh 14. Ged a b' e Dòmhnall na Scarpaich a chanadh iad ri athair cha robh, cho fad 's a b' aithne dhan teaghlach, ceangal sam bith aca ris a' Scarp.
Chaidh Fionnlagh dhan bhun-sgoil agus dhan Àrd-sgoil ann am Port Ghlaschu agus an dèidh sin do dh'Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich e an toiseach ann am Beurla, agus bliadhnaichean an dèidh sin chaidh e air ais agus cheumnaich e, leis a' chiad urram, ann an Ceiltis. Eadar a dhà chuairt anns an oilthigh bha e a' teagasg ann am Pà islig agus an Grianaig agus bha e airson beagan bhliadhnaichean ann an Sierra Leone.
Ann an 1970 chaidh e na Chomhairliche Gà idhlig do sgoiltean Shiorrachd Inbhir Nis agus rinn e a dhachaigh anns a' bhaile airson an còrr de bheatha.
Bha ceòl anns an teaghlach air taobh a mhà thair agus aig aois glè òg thòisich e ag ionnsachadh na pìoba. Bha e ann an Còmhlan Boys Brigade ann am Port Ghlaschu agus a-rithist ann an Colaiste na Pìobaireachd ann an Glaschu. Bha e ann an Còmhlan nan Sìophortach, le Dòmhnall 'Beag' MacLeòid na Mhà idsear-pìoba, nuair a rinn e Seirbheis Nà iseanta.
Ann an 1971 choisinn e am Bonn Òr aig Co-Chruinneachadh Earra-Ghà idheal anns an Òban, aon de phrìomh dhuaisean pìobaireachd. Anns na seachdadan chaidh e air chuairt còmhla ri The Boys of the Lough, còmhlan air an robh fèill mhòr, agus rinn e clà radh còmhla riutha. Bha e cuideachd na bhritheamh agus na neach-teagaisg na pìoba air feadh Chanada.
Phòs e Mòrag McLarty à Grianaig agus bha triùir chloinne aca - Catrìona, Dòmhnall agus Calum. Bha teaghlach Mòraig à Ceann Loch Gilp agus à Earra-Ghà idheal bho thùs.
Bha e na chleachdadh aig Fionnlagh gach bliadhna a bhith teagasg pìobaireachd agus Gà idhlig aig sgoiltean-samhraidh, glè thric ann an Canada. Bhiodh e cuideachd na bhritheamh aig co-fharpaisean pìobaireachd agus aig Mòdan ann an Alba agus thall thairis.
A dh'aindeoin a thà lantan eile, 's ann mar sheinneadair òrain thraidiseanta bu mhotha a bha fèill air Fionnlagh. Thòisich e a' seinn an toiseach ann an Còisir Ghà idhlig Ghrianaig agus bha e a' teagasg Gà idhlig dhaibh cuideachd. Thug e bliadhnaichean còmhla riutha an dèidh gluasad gu tuath ach, nuair a sguir Còisir Ghrianaig thòisich Fionnlagh còmhla ri Còisir Ghà idhlig Inbhir Nis.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.