Òran air a sgrìobhadh le: Iain Caimbeul agus air a sheinn le: còisir òg ghà idhlig an eaglais bhreac.
This is a song written by: Iain Caimbeul and sung by: còisir òg ghà idhlig an eaglais bhreac.
Dèan ba ba, mo leanabh, dèan cadal a rùin,
'S a' mhadainn gu moch-thrathach dh'fhosgail thu sùil,
Nuair bha eunlaith an doire ri coireal 's puirt-ciùil
Bha thu 'd mhà garan-là ir a' sà rach nan glùn.
Tha na blà ithean as à illidh tha fàs air na tuim,
A' bhuidheag 's an neòinean 's iad òr-bhuidhe cruinn,
An canachan mòintich is sòbhrag na coill'
Air dùnadh an sùilean ro dhùbhradh na h-oidhch'.
Nis dèan-sa do chadal, a chagarain grà idh,
'S gu robh Freastal gad stiùireadh 's gach cùis agus cà s,
'S e mo mhiann is mo dhùrachd thu rùin a bhith fà s,
Mar gheug is i brùchdadh toradh dùbailt thar chà ich.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.