Rugadh Iain Camshron, BĂ rd PhĂ islig mar a theirte ris, ann an Eilean Luing sa bhliadhna 1865 ach ghluais an teaghlach gu Baile Chaolais nuair a bha e mu dhĂ bhliadhna a dh'aois agus sin far na thogadh e.
Bha e cĂ irdeach do dh'Alasdair MacFhionghain a rinn 'BlĂ r na h-Ăipheit' agus An Dubh Ghleannach. Cha robh e ach na ghille òg nuair a chaidh e gu deas agus rinn e a dhachaigh ann am PĂ islig.
Air prògram Gà idhlig a' BhBC air 16 Dà mhair, 1936, thuirt Iain A. MacNeacail mu dheidhinn:
"A thuilleadh air neart is foghainteachd cuirp, chaidh buadhan inntinn a bhuileachadh air ann an tomhas ro phailt, gu h-à raidh a thaobh meomhair, agus is mòr a chuimhne air òrain, sgeulachdan agus fuinn. A bhà rr air a' sin tha cluas chiÚil ghèir aige agus comas gu fuinn a dheilbh nuair a dhÚisgeas a shunnd. Na òige, nam b' e rud e 's gun cluinneadh e òran ach aon uair, bhiodh e gu grad suidhichte daingeann air aire. Anns an dòigh seo bha a mheomhair na là n stòras air sà r fhonn, dhuanagan agus òrain a dhÚthcha."
Lean MacNeacail air:
"Thug e còrr is sia fichead fonn nach robh riamh roimhe an clò don Chomunn GhĂ idhealach. Nam measg tha fuinn a tha an-diugh ainmeil agus cumanta air feadh an t-saoghail â Beinn Dòbhrain, 'Ăran an t-Samhraidh', 'BlĂ r na h-Ăipheit', Ăran Mòr 'IcLeòid agus gu h-Ă raidh Coire Cheathaich. 'S ann tron an fhonn seo a chuir Iain Camshron agus Calum MacPhĂ rlain, nach maireann, eòlas air cĂ ch a chèile agus b' e sin cĂ irdeas a lean gu daingeann dlĂšth am fad 's bu bheò Calum.
"Bha MacPhà rlain a' sgrÚdadh na dÚthcha air sgath a' Chomuinn airson an fhuinn seo, agus air latha sònraichte thachair e ri Iain air srà id a' bhaile.
"A bheil fonn Coire Cheathaich agad?" arsa Calum.
"Tha" thuirt Iain air a shocair, agus air ball ghabh iad fasgadh anns a' chiad Ă ite freagarrach agus an sin sgrĂŹobh Calum am fonn bho dheachdadh agus stiĂšireadh a' Chamshronaich."
Thuirt MacNeacail gun d' thug Iain Camshron trÏ fichead fonn do Chaluim MacPhà rlain. Choisinn Iain prÏomh dhuais aig Mòd Shruighlea ann an 1909 le fonn a chuir e air 'Mo Ghrà dh Geal 'S Mo RÚn', bà rdachd le Mà iri NicEalair.
A dh'aindeoin 's gu robh e leth-cheud bliadhna is còrr, nuair a thòisich an Cogadh Mòr ann an 1914, chaidh Iain Camshron a dh'Inbhir Nis agus ghabh e anns na Camshronaich.
A rèir MhicNeacail, "Bha iomadh duine sgairteil anns an Camshronaich ach, ma bha, cha robh còta no fèileadh rim faotainn a fhreagradh don bhà rd is cha robh air ach gum b' fheudar deise a dhèanamh dha fhèin a-mhà in."
Thà inig e slà n tron chogadh agus bha e beò gu 1951. Thuirt MacNeacail san dealachadh:
"Chan eil mòran ann a thig suas ris mar sheanachaidh no mar là n fhear-ciÚil. Gun uaill, gun phròis, the e cho geur ris an sgithinn, cho ait 's a bha e na bhalach, cho beag cron na lochd ris an deilein-dè, agus cho uasal 's bu dual do fhear de chinneadh a bhith. Ged a tha e là n fealla-dhà is sÚgraidh, cha chualas riamh aoir bho bhilean na lideadh eile a bheireadh masladh air a bhuadhan mar bhà rd."
Tha grunn dhe na h-òrain aig Iain Camshron, Bà rd Phà islig, air an seinn fhathast, nam measg Air Fail il o Iriag, 'Taobh Loch Eite', Gaol nan Cruinneag agus, ma dh'fhaodte am fear as ainmeile, Gleann Bhaile Chaoil.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.