Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Bà rd Cnoc Chùsbaig) agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir à rd-sgoil a' chaisteal, còisir à rd-sgoil mhicNeacail, còisir à rd-sgoil phort rìgh, fiona nicChoinnich, joan long, na seòid agus uisdean macCuain.
This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Bà rd Cnoc Chùsbaig) and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir à rd-sgoil a' chaisteal, còisir à rd-sgoil mhicNeacail, còisir à rd-sgoil phort rìgh, fiona nicChoinnich, joan long, na seòid and uisdean macCuain.
Sèist / Chorus
Eilean Fraoich, Eilean Fraoich,
Eilean Fraoich nam beann à rd',
Far an d' fhuair mi m' à rach òg,
Eilean Leòdhais mo ghrà idh.
Far an robh mi là ithean m' òig'
Ruith gun bhròig dol don trà igh,
'S mi ri streap gu nead an eòin
Anns gach còs sam bi à l.
Thug mi greis de là ithean m' òig'
Air a' mhòintich nam phà iste;
'S mi ri tional nan laogh òg',
Is nam bò aig an trà th.
Far am faca mi an òigh,
Thuit mi òg oirr' an grà dh;
'S ann a chionn nach eil i beò
Tha mi seòladh thar sà il'.
'S ged a bheirte dhomh an tìr-s',
Eadar chraobhan is bhà rr,
B' fheà rr leam a bhith measg an fhraoich
Ann an tìr nam beann à rd'.

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' MhaoileinCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.