Rugadh Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich ann an Siadar an Rubha, Leòdhas, anns a' bhliadhna 1857. Thà inig cuideachd athair dhan Rubha bho thaobh Loch Seilg air na Lochan agus thà inig mà thar Uilleam à Seisiadar, nighean Mhurchaidh Mac 'ill Lèighe.
Bha seachdnar ann an teaghlach athair, sianar bhalach agus aon nighean, agus bha triĂąir de na mic ri bĂ rdachd.
B' e Uilleam a b' òige as an teaghlach. Chaidh athair agus dithis bhrà thar dha am bà thadh 's iad ag iasgach le lìn-mhòra 's gun e ach òg.
Bha Uilleam agus dithis de bhrà ithrean, Iain agus Murchadh, a' fuireach air an aon fhearann eadar a' Bhuail'-fheòir is Cnoc Chùsbaig ann an Siadar, agus eadar an triùir, bha aca an "aona mac deug ann de ghillean ciatach" a tha e ag ainmeachadh anns an t-òran Bidh Mo Dhùthaich ri Tighinn air m' Aire.
B' ann à Garrabost a bha bean Uilleim, Mà iri nighean Alasdair MhicAoidh. Bha ceathrar chloinne aig Uilleam agus Mà iri, triùir mhac, Dòmhnall, Iain agus Alasdair a chaochail mus robh e bliadhna a dh'aois, agus aon nighean Oighrig.
Bha Uilleam agus Mà iri pòsta airson fichead bliadhna mus do sgar am bàs iad. Thog an teaghlach orra a Chanada agus lean Uilleam a mhic gu Fort William, Ontario. Mar a chuir e fhèin e:
Anns an dachaigh bh' aig a' bhĂ rd
Is aig MĂ iri Nighean Alasdair,
On rinn an dealachadh am bĂ s
Bidh trĂ thach air a' chagailt ann.
Tha an teaghlach is iad ri togail uam
Ri dol air chuan do Chanada;
Bho chaidh am mĂ thair do an uaigh
Is e siud thug fuachd don dachaigh orr'.
Is mi dhèanadh deònach leotha falbh,
Nan cĂąirte marbh mi dhachaigh Ă s
Is gun cĂąirte laighe mi san Ăąir
Far bheil mo rĂąn is Alasdair.
Ma 's e gun toir iad mi air falbh,
'S e i bhith marbh is coireach ris;
'S ma bheir iad mi null air chuan,
Cha tèid mi dh'uaigh bhios fagus dhith.
Cha do smaoinich sinn riamh 's i beò
Gum biodh cuan mòr gar dealachadh;
Gum biodh i adhlaicte air an Aoidh
Is mis fo chraoibh an Canada.
Cha robh Uilleam fada an Canada. Chaochail e ann a' Fort William, Ontario, ann an 1907, agus tha e air adhlacadh an Cladh Mountain View anns a' bhaile.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.