FĂ gail Ghlaschu

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) agus air a sheinn le: calum ceanadach, Alasdair Dòmhnallach agus Calum Ceanadach.

This is a song written by: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) and sung by: calum ceanadach, Alasdair Dòmhnallach and Calum Ceanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An Ă m bhith fĂ gail Ghlaschu air madainn mhoich DimĂ irt
Bha m' inntinn trom fo airtneal 's mi cho fad bho thĂŹr mo ghrĂ idh,
A' fàgail mo luchd-eòlais anns a' bhaile mhòr a' tàmh
Na deòir nan sruth om shÚilean 's mi cur cÚlaibh ri mo ghràidh.

Chan iongnadh ged bhiodh cianalas am-bliadhna orm is gruaim
Tha falt mo chinn air liathadh, 's chan eil ial dheth a bhios buan,
Is ged nach eil mi aosta thĂ inig caochladh air mo shnuadh
On dh'fhĂ g mi an t-eilean Ă lainn, Uibhist Ă rda nam beann fuar.

'S e Uibhist tÏr as bòidhche leam tha 'n-diugh fo neòil nan speur
Gur tric a shnàmh an ceò air a' Bheinn Mhòir 's mu Sgor an Fhèidh
'S a-staigh gu gualainn Mhaireabhal, far 'n minig 'n do thàmh an sprèidh
'S bu tric a thug mi ruaig ann 's b' e mo luaidh bhith às an dèidh.

Ach, b' fheudar Uibhist fhĂ gail 's tighinn a thĂ mh am measg nan Gall
'S e dh'fhag a-nochd sa bhĂ ta mi 's i mach air bhĂ rr nan tonn
An fhairge 's i na smĂšid agus an stiĂšir agam nam lĂ imh
'S a cÚrsa o Cheann Èirinn leinn gu Buenos Aires thall.

Nuair thèid mi chun na cuibhle, nuair bhios an oidhche fuar,
Gur tric a bhios nam inntinn-sa 'n aon nĂŹ don tug mi luaidh
Bu mhath dhomh bhith nam chĂŹobair seach bhith mach fo bhinn nan stuadh
Gu faighinn cadal socair dh'aindeoin osnaichean a' chuain.

Ach tha gillean gasta innte cho math 's a dh'fhĂ g an tĂŹr
Tha Dòmhnall ann is Alasdair, tha Cailean ann 's mi fhÏn
An Uibhist nam beann Ă rda 's ann a dh'Ă raicheadh na suinn
'S gun cluinnte fuaim na GĂ idhlig 's iad gu h-Ă rd air bhĂ rr a' chruinn.

Ach sguiridh mi den dĂ n seo, chan eil mo chĂ ileachd ann,
Chan eil mi na mo bhĂ rd, cha deach na tĂ lantan nam cheann
Mas e gu bheil e 'n dĂ n dhomh tilleadh sĂ bhailt innte nall
Gun gabh mi bàt' na smÚide 's thèid mi null gu TÏr nam Beann.

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach

Alasdair Dòmhnallach

Rugadh Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mòr Chatrìona Ailein Chòcaire, ann a' Staoinebrig air 7 Ògmhios, 1929. Bha cuideachd a mhàthair nan còcairean aig Clann 'ic Ailein ...

Fiosrachadh air Alasdair Dòmhnallach / Learn more about Alasdair Dòmhnallach

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now