
Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ăgmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas SgĂŹre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach a b' athair dhĂ agus b' i Seonag Buachaille, a bhuineadh do Ghrabhair, a mhĂ thair. Bha naoidhnear anns an teaghlach, sianar bhalach agus triĂšir nighean.
An dèidh na sgoile fhà gail, bha Calum airson Úine ghoirid ag obair anns na gà raidhean-iarrainn air Abhainn Chluaidh. Thug e greis bheag na neach-cunntais agus mu thrÏ bliadhna anns an arm.
Ann an 1953 phòs e Anna NicGillÏosa, à Stafainn san Eilean Sgitheanach, ris an robh e air coinneachadh aig mòd ionadail ann an Glaschu. Rinn iad an dachaigh ann an Elderslie, faisg air Glaschu agus bha còignear nighean aca - Fiona, Kirsteen, Morag, Morven agus Deirdre.
Chaochail Anna gu h-aithghearr ann an 1974 agus thug seo buaidh mhòr air Calum. Chaidh bliadhnaichean seachad mus do sheinn e a-rithist.
Ann an 1987 phòs e CairistÏona NicUilleim, a bha cuideachd na seinneadair, agus bha aon nighean aca, Eilidh. Thà inig sgaradh anns a' phòsadh sin ann an 1999.
An dèidh pĂ irt a ghabhail ann am Mòd DhĂšn Omhain a' bhliadhna roimhe sin, choisinn Calum Bonn Ăr a' Chomuinn GhĂ idhealaich aig Mòd Obar Dheathain, ann an 1955. Bha mĂ thair na BĂ nrigh an lĂ thair airson na duaisean a thoirt dhĂ fhèin agus do Sheonag NicChoinnich, a fhuair Bonn Ăr nam ban.
Ann an 1957, choisinn Calum a' chiad Ă ite ann an Co-fharpais eadar-nĂ iseanta ann am Moscow, far an robh còrr air còig cheud seinneadair bho air feadh an t-saoghail a' gabhail pĂ irt. Nam measg bha Richard Harris, an t-Ăireannach a choisinn cliĂš mar actair an dèidh sin. B' e Nikita Khrushchev, Ceannard na Ruis aig an Ă m, a thug dha a dhuais ann an Talla a' Bholshoi.
Air prògram Beurla air Scottish Home Service a' BhBC air 22/05/1948, dh'innis e fhèin mun fharpais:
"In the Gold Medal competitions there were four hundred from all countries each singing in their own language. The competition lasted eleven days and was heard by twelve adjudicators drawn from different countries. Forty of us went into the final and at this stage I noticed that most of them had orchestral accompaniment of some sort.
I decided then that I too would have somebody to accompany me on to the stage and I am very grateful to John McFadyen of the College of Piping who played 'Over the Sea to Skye' as I went on-stage, and to Bobby Macleod, Tobermory and his band who accompanied me in some of the songs I sang. They looked really magnificent in tartan, playing our Scottish Dance Music.
There was one very amusing incident after I had been awarded the Gold Medal â one of the audience approached me and was very indignant that I had not sung to the accompaniment of the pipes as well as to the Bobby Macleod Band.
In mid Russia by the way their songs are rather like our own "big" songs and they have no dearth of bards. Just as Duncan Ban Macintyre is one of our favourite bards in the Highlands, Pushkin is theirs."
Dh'fhaodadh e a bhith air a rĂ dh gur e Calum a' chiad seinneadair GĂ idhlig a rinn cosnadh lĂ n-Ăšine a' seinn, ged nach b' e GĂ idhlig a-mhĂ in a bha e a' seinn.
Trà th anns na seasgadan bhiodh e a' dol air chuairt feadh tallaichean bailtean na Gà idhealtachd ach bhiodh e cuideachd a' toirt seachdainean ann an taighean-cluich nam bailtean mòra.
Bha e tric ri fhaicinn air telebhisean agus tha e coltach gur e a rinn a' chiad phrògram a chaidh a-mach beò air Telebhisean Grampian. Rinn e à ireamh mhòr phrògraman leithid Calum's Ceilidh agus Round at Calum's.
A bharrachd air a bhith na sheinneadair bha Calum na fhear-gnothaich agus bha ceangal aige ris a' chompanaidh leis an robh Taighean-cluich leithid an Tivoli ann an Obar Dheathain agus am Palace ann an DÚn Dèagh.
An dèidh dha shlà inte briseadh, chuir Calum seachad na bliadhnaichean mu dheireadh de bheatha ann an taigh-eiridinn ann an Siorrachd Obar Dheathain, dlÚth ri dachaigh Fiona, a nighinn bu shine.
Chaochail e air 15 Giblean, 2006.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.