Fear a' BhĂ ta

Òran air a sgrìobhadh le: Sìne NicFhionnlaigh agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Mairead agus Donaidh MacLeòid, mairead nic a' phearsain, Màiri NicAonghais agus seonag nicIllEathain.

This is a song written by: SÏne NicFhionnlaigh and sung by: Anna Latharna NicGillÏosa, Mairead agus Donaidh MacLeòid, mairead nic a' phearsain, Màiri NicAonghais and seonag nicIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Fhir a' bhàta, na hò ro èile,
Fhir a' bhàta, na hò ro èile,
Fhir a' bhàta, na hò ro èile,
Mo shoraidh slàn leat 's gach àite an tèid thu.

'S tric mi sealltainn on chnoc as Ă irde
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhĂ ta;
An tig thu 'n-diugh no an tig thu mĂ ireach,
'S mur tig thu idir gur truagh a tĂ  mi.

Tha mo chridh'-sa briste, brĂšite,
'S tric na deòiribh a' ruith om shÚilean;
An tig thu nochd, no am bi mo dhĂšil riut
No an dĂšin mi an doras le osna thĂšrsaich?

'S tric mi faighneachd de luchd nam bĂ ta
Am fac' iad thu, no 'm bheil thu sĂ bhailt;
'S ann tha gach aon aca rium ag rĂ dhtainn
Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut.

Gheall mo leannan dhomh gĂšn dhen t-sĂŹoda,
Gheall e siud agus breacan rĂŹomhach;
Fàinne òir anns am faicinn Ïomhaigh
Ach 's eagal leam gun dèan e dÏochuimhn'.

Chan eil baile beag sam bi thu
Nach tĂ mh thu greis ann a chur do sgĂŹos dhiot;
Bheir thu lĂ mh air do leabhar rĂŹomhach
A ghabhail dhuanag 's a bhuaireadh nĂŹonag.

Ged a thuirt iad gun robh thu aotrom,
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort;
Bidh tu 'm aisling anns an oidhche,
Is anns a' mhadainn bidh mi gad fhaighneachd.

Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi Ă icheadh;
Cha ghaol bliadhna, 's cha ghaol rĂ ithe;
Ach gaol a thòisich nuair bha mi 'm phàiste,
'S nach searg a-chaoidh, gus an claoidh am bĂ s mi.

Tha mo chĂ irdean gu tric ag innseadh,
Gum feum mi t-aogas a chur air dĂŹochuimhn';
Ach tha 'n comhairle dhomh cho dĂŹomhain,
'S bhith pilleadh mara 's i tabhairt lĂŹonaidh.

Tha mo chriosan air dhol an aĂŹrde
Chan ann bho fhĂŹdhleir no bho chlĂ rsair
Ach bho stiĂšireadair a' bhĂ ta
'S mur tig thu dhachaidh, gur truagh mar tha mi.

Bidh mi tuille gu tĂšrsach, deurach,
Mar eala bhàn 's i an dèidh a reubadh;
Guileag bĂ is aice air lochan feurach
Is càch uile an dèidh a trèigsinn.

Seinneadairean / Performers

MĂ iri NicAonghais

MĂ iri NicAonghais

Rugadh MĂ iri NicAonghais air 15 LĂšnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air MĂ iri NicAonghais / Learn more about MĂ iri NicAonghais
Anna Latharna NicGillĂŹosa

Anna Latharna NicGillĂŹosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillĂŹosa / Learn more about Anna Latharna NicGillĂŹosa

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now