
Mairead NicLeòid
Rugadh Mairead NicLeòid ann an DĂšn Ăideann ged a bha a mĂ thair Ă s an Ăird anns a' Rubha agus a h-athar Ă Tolastadh a' Chaolais ann a' Leòdhas. Nuair a bha i deich bliadhna ghluais an teaghlach a Cheann PhĂ draig.
Thoisich i a' seinn an ath bhliadhna a-rithist, agus fhuair i a' chiad duais airson òrain thraidiseanta aig a' chiad Mòd gun deach i, ann an 1959 ann an DĂšn Dèagh. Ann an 1962 choisinn i Bonn Airgid a' Chomuinn GhĂ idhealaich, agus anns an Ăban ann an 1970 Bonn Ăr a' Chomuinn GhĂ idhealaich.
Ann an 1971, thug Mairead gu chèile buidheann air an tug iad Na h-Ăganaich, i fhèin, a brĂ thair Donaidh agus Noel Eadie. Chaidh iad gu Mòd Shruighlea agus choisinn iad farpais nan còmhlain.
Sheinn Na h-Ăganaich air feadh Alba, as an Roinn Eòrpa, as na dĂšthchannan Ceilteach eile, as na h-eileanan FĂ ro, ann an Canada agus as na StĂ itean Aonaichte.
Anns na 80an, thoisich Mairead ag obair leis a' chòmhlan Albany agus a' dèanamh cuairtean a bha a' seasamh ceithir mÏosan gach turas, air feadh Ameireaga agus Canada. Rinn i sin còig tursan.
Tha i air a bhith a' seinn ann an Abu Dhabi agus an Dubai agus 's i a' chiad boireannach a fhuair cead seinn ann an Oman, bhon t-Sultan. Tha an t-seinn cuideachd air a toirt a dh'AstrĂ ilia agus Sealan Nuadh agus Ă iteachan mar Sarawak agus Brunei.
Thug i naoi bliadhna ag obair ann an Eden Court, Inbhir Nis anns an Show of the North, agus tha i air prògraman telebhisean agus rèidio a dhèanamh air feadh Bhreatainn. Tha i air iomadh clĂ r a dhèanamh, leatha fhèin, còmhla ris Na h-Ăganaich agus còmhla ri Albany.
Ann an 2008 choisinn Mairead duais airson Best Guest Artist of the Year agus ann an 2009 fhuair i fhèin agus Na h-Ăganaich duais airson an t-seirbheis a thug iad do cheòl GĂ idhlig.
A bharrachd air seinn, tha Mairead a' teagasg GĂ idhlig air feadh Ghlaschu, ann an Grianaig agus san Eaglais Bhreac.
Tha i pòsta aig Sgitheanach, Eòghainn MacNeacail à Port RÏgh, agus tha i moiteil gu bheil an nighean aice agus an t-ogha aice a' leantainn dòigh-beatha nan Gà idheal, ged tha iad an-diugh an Astrà ilia.
Donaidh MacLeòid
Tha Donaidh MacLeòid, brà thair Mhairead, air a bhith ag obair don BhBC ann an Glaschu fad iomadh bliadhna. Chuir na mÏltean mòra de chlann eòlas air fhèin agus air na h-adan èibhinn agus amaideach a bhiodh air nuair a bha e a' libhrigeadh a' phrògram Dòtaman. O chionn grunn bhliadhnaichean 's e an riochdaire a tha air a' phrògram cloinne Dè a-nis?
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.