Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Uilleam MacDhĂšnlèibhe agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillĂŹosa agus Anna Nic na CeĂ rdaich.
This is a song written by: Uilleam MacDhÚnlèibhe and sung by: Anna Latharna NicGillÏosa and Anna Nic na Ceà rdaich.
Tha a' mhadainn soilleir grianach
'S a' ghaoth 'n iar a' ruith gu rèidh;
Tha an linne sleamhainn sĂŹochail
On a chiĂšinich strĂŹ nan speur;
Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
'S cha chuir sgĂŹos i dh'iarraidh tĂ mh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
A' toirt an fhios seo chun a' BhĂ ird.
Seo crĂšnadh mais' a' mhĂŹos
San tèid don dÏthreabh treudan bhò,
Do ghlinn nan lagan uaigneach
Anns nach cuir 's nach buainear pòr,
Leab-innse buar nan geum -
Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le cà ch;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Tha mÏltean sprèidh air faichean,
'S caoraich gheal' air creachain fhraoich,
'S na fèidh air stÚcan fà sail,
Far nach truaillear lĂ r na gaoith;
An sĂŹolach fiadhaich neartmhor
Fliuch le dealt na h-oiteig thlĂ ith;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
Còrs na fairg' 's gach grà inseach rèidh,
Le buaidhean blĂ ths na h-iarmailt
Mar a dh'iarramaid gu lèir;
Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
Air na lòintean feòir fo bhlà th;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Na caochain fhĂŹor-uisg' luath
A' tighinn a-nuas o chĂšl nam mĂ m
Bho lochain ghlan' gun ruadhan
Air na cruachan fad' on trĂ igh;
Far an òl am fiadh a phailteas,
'S bòidheach ealtan lach gan snà mh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Tha bogha mòr an t-sà ile
Mar a bha le reachd bithbhuan,
Am mòrachd maise nà dair
'S a cheann-Ă rd ri tuinn a' chuain -
A rĂŹomball geal seachd mĂŹle,
Gainmhean sĂŹobt' o bheul an lĂ in;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Na dÚilean, stèidh na cruitheachd,
BlĂ ths is sruthan 's anail neul,
Ag altram lusan Ăšrail
Air an laigh an driÚchd gu sèimh,
Nuair a thuiteas sgĂ il na h-oidhche
Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Ged a roinneas gathan grèine
Tlus nan speur ri blà th nan lòn,
'S ged a chÏthear sprèidh air à irigh,
Is buailtean là n de dh' à lach bhò,
Tha Ile 'n-diugh gun daoine,
Chuir a' chaor' a bailtean fĂ s;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Ged thig Ă nrach aineoil
Gus a' chaladh 's e sa cheò,
Chan fhaic e soills' on chagailt
Air a' chladach seo nas mò;
Chuir gamhlas Ghall air fuadach
Na tha bhuainn 's nach till gu brĂ th;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Ged a thogar feachd na h-Alb',
As cliĂšiteach ainm air faich' an Ă ir,
Bithidh bratach fhraoich nan Ileach
Gun dol sĂŹos ga dĂŹon le cĂ ch;
Sgap mĂŹorun iad thar fairge,
'S gun ach ainmhidhean balbh nan Ă it';
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Tha taighean seilbh na dh'fhĂ g sinn
Feadh an fhuinn nan cĂ rnan fuar;
Dh'fhalbh 's cha till na GĂ idheil;
Stad an t-Ă iteach, cur is buain;
Tha stèidh nan là rach tiamhaidh
A' toirt fianais air 's ag rĂ dh,
"Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird".
Cha chluinnear luinneag òighean,
Sèist nan òran air a' chlèith,
'S chan fhaicear seòid mar b' à bhaist
A' cur bà ir air faiche rèidh;
Thug ainneart fògraidh uainn iad;
'S leis na coimhich buaidh mar 's Ă ill;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Biodh am fios seo aig a' BhĂ ird.
Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
No 'm fear-astair fois o sgĂŹos,
No soisgeulach luchd-èisdeachd;
Bhuadhaich eucoir, Goill is cĂŹs;
Tha an nathair bhreac 'na lĂšban
Air na h-Ăšrlair far an d'fhĂ s
Na fir mhòr' a chunnaic mise;
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.
Lomadh ceĂ rn na h-Oa,
An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh;
Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
'S fuidheall cianail air a taobh;
Tha an Gleann 'na fhiadhair uaine
Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhĂ rr;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' BhĂ ird.

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceà rdaich ach buinidh a teaghlach do Bharraigh. Bha i a' cosnadh dhuaisean aig Mòdan bho bha ...
Fiosrachadh air Anna Nic na CeĂ rdaich / Learn more about Anna Nic na CeĂ rdaich
Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillĂŹosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna â ann an GĂ idhlig agus caochladh chĂ nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillÏosa / Learn more about Anna Latharna NicGillÏosaCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.