Rugadh Uilleam MacDhunlèibhe anns an t-Sultain 1808 ann an Cill an Rubha an Ăle.
Bha athair, Seumas, na shaor, ag obair do Bhaltair Caimbeul leis an robh oighreachd Ăle. B' e CairistĂŹona NicPhĂ idein ainm a mhĂ thair agus chaidh Uilleam a thogail air Tuathanas Gartmain, faisg air A' Bhogha Mhòir.
Na òige, tha e coltach gu robh e caran luaisgeanach, gun mòran Úidh san sgoil. Thòisich e na bhuachaille chruidh 's e gu math òg ach, an dèidh sin, thug e a-mach a cheà ird mar thà illear.
Dh'fhĂ g e Ăle agus chuir e Ăšine seachad ag obair ann an diofar Ă iteachan, mar eisimpleir DĂšn Bhreatainn, An t-Arar, Cuimrigh an Siorrachd Pheairt agus Srath Ăireann, far na thachair e ri bhean. Rinn iad an dachaigh ann an Grianaig agus an uair sin an Glaschu, agus sin far an do chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha, ag obair na thĂ illear.
Bha Úidh shònraichte aige ann an seann eachdraidh na h-Alba, gu h-à raidh eachdraidh nan Gà idheal. Dh'ionnsaich e mu eachdraidh nan Ceilteach agus cà nanan Eòrpach leithid Laidinn, Frangais agus Grèigis.
B' e Nà iseantach a bha ann an Uilleam, gu mòr air taobh na Gà idhlig, agus dh'fhoillsich e Vindication of the Celtic Character ann an 1850. SgrÏobh e eachdraidh de dh'Alba cuideachd ach cha deach ach pà irtean dheth a chlò-bhualadh.
Tha an Ăšidh a bha aige ann an seann eachdraidh follaiseach ann an cuid de chuspairean a bhĂ rdachd, mar eisimpleir 'Na Lochlannaich an Ăle', 'Cath Monadh Bhraca', 'BlĂ r Dhail RĂŹgh', 'Cath Allt a' Bhannaich' agus 'BlĂ r ThrĂ igh Ghruinneard'.
An-diugh tha MacDhÚnlèibhe nas ainmeil airson a' bhà rdachd a rinn e, leithid Fios Chun a' Bhà ird, mu ana-ceartasan a latha fhèin na tha e airson nan dà n fhada, ghaisgeil.
Chaidh cruinneachadh de a chuid bĂ rdachd, Duain agus Ărain, deasaichte leis an t-Urramach Raibeart Blair, a chur an clò ann an 1882 leis a' Chomann Ăleach.
Chaochail Uilleam MacDhÚnlèibhe gu h-obann san Iuchar, 1870, 's chaidh a thiodhlacadh ann an cladh Janefield air taobh an ear Ghlaschu.
Tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek, anns an leabhar aige Tuath is Tighearna (Scottish Gaelic Texts Society, 1995), a' cumail a-mach gur h-iongantach mur do sgrĂŹobh MacDhĂšnlèibhe an t-òran cumhachdach Fios Chun a' BhĂ ird an dèidh do ghrunn dhaoine Ă "ceĂ rn na h-Oa", an iar dheas Ăle, falbh nan eilthirich a Chanada ann an 1862-63 mar thoradh air poileasaidhean air an oighreachd aig Iain Ramsay of Kildalton.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.