Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Cheanadach agus mairead cheanadach.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Cheanadach and mairead cheanadach.
O seinnidh mi duan do ghille mo luaidh,
A thà inig mu chuairt an-dè;
Bu bhlà th leam a shùil is b' aoidheil a ghnùis,
Mo rùn e am measg nan ceud.
Ged tha thu 's an tìm glè fhada bhon tìr,
'S am b' à bhaist do shinnsear bhith tà mh;
Tha 'n Gaidheal nad chridhe, 's cha ghabh e cur sìos,
Le nì sam bith ach am bà s.
Gach lusan den fhraoch tha sgapte san t-saoghal,
Nuair ruigeas e taobh nam beann;
Tha smuaintean a chridh' a' tilleadh gun strì,
A dh'ionnsaidh na tìm a bh' ann.
Mo chead leat an-drà st', 0 'ille mo ghrà idh,
Is till rinn gun dà il mu thuath;
'S gun cuir sinn ort fà ilt' le furan is à igh,
'S le cridheachan blà th ga luaidh.

Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...
Fiosrachadh air Cairistìona Cheanadach / Learn more about Cairistìona CheanadachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.