CairistĂŹona Cheanadach

CairistĂŹona Cheanadach

Thogadh CairistÏona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Thug i 14 bliadhna ag obair aig Poilis a' Chinn a Tuath mus do ghluais i gu bhith os cionn sheirbheisean òigridh agus follaiseadh aig Comann na Gàidhlig.

Buinidh i do theaghlach a tha ainmeil mar sheinneadairean. Bha a h-athair, Murdaidh Orasaigh, agus a mĂ thair, Ciorstaidh Anna NicIllFhinnein, nan sĂ r sheinneadairean agus bha gach taobh dhen teaghlach aithnichte airson seinn nan sailm.

Choisinn Cairistìona am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1989. An dèidh sin b' i riochdaire Alba a choisinn a' phrìomh dhuais anns an fharpais Pan-Ceilteach an Èirinn, an aon turas a-riamh a chaidh an fharpais a bhuannachadh le aon ghuth a' seinn gun cheòl-taic.

Tha i air mòran siubhal a dhèanamh an Alba, an Èirinn agus an iomadh ceàrnaidh den Roinn Eòrpa, Astràilia, Canada agus na Stàitean Aonaichte a' riochdachadh a dualchas agus a cànan.

Tha i air trÏ clàir a dhèanamh agus tha i ri cluinntinn tric air rèidio agus air telebhisean, a' seinn agus a' libhrigeadh phrògraman.

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now