Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Iain Camshron agus air a sheinn le: Coinneach Ros, Còisir GhĂ idhlig Ăleach Ghlaschu, jeanette c. nicDhòmhnaill agus moira nicCholla.
This is a song written by: Iain Camshron and sung by: Coinneach Ros, Còisir GhĂ idhlig Ăleach Ghlaschu, jeanette c. nicDhòmhnaill and moira nicCholla.
O nach robh mi thall sa ghleann a' fuireach,
O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil;
Nan robh mise thall sa ghleann a' fuireach
Chan fhĂ gainn e tuilleadh, gleann lurach mo ghaoil.
Sa mhadainn nuair dh'èirinn gun èislean, gun ghruaim,
'S e thug sòlas do m' inntinn bhith sealltainn riut suas;
Chan eil gleann eil' air GhĂ idhealtachd bheir bĂ rr ort an snuadh;
Gur mis' tha fo chrĂ dh-lot bhith 'n-drĂ st' cho fad uat.
Gleann farsaing, fĂŹor mhonadh, dhĂŹrinn e suas,
Gleann maiseach fĂŹneagach 's mĂŹorbhaileach tuar;
Ri samhradh is geamhradh do chleòca cho uain';
Chan eil nĂŹ a rinn nĂ dar nach fĂ s air do bhruaich.
'S e mo mhiann is mo dhĂšrachd bhith dlĂšth dhut a ghnĂ th
'S a bhith cuallach na sprèidhe mach rid rèidhleanan à rd;
Iad a' mireag 's a' leumraich, iad fèin 's an cuid à il,
'S bu bhinn' leam an geumnaich na teudan nan clĂ r.
Nuair dh'èireas a' ghrian bu chiatach bhith ann,
'S i cho fial, flathail, coibhneil, a' boillsgeadh air chrann;
I dÚsgadh nan lòn-dubh 's nan smeòrach air ghèig
Cur fà ilte len ceòl air a mòrachd san speur.

Rugadh Coinneach Ros ann an Inbhir Nis, ann an 1942, ach bhuineadh a chuideachd gu lèir dhan Bhrà ighe, os cionn Inbhir Pheofharain, aig bonn Beinn ...
Fiosrachadh air Coinneach Ros / Learn more about Coinneach RosChaidh Còisir GhĂ idhlig Ăleach Ghlaschu, tè de phrĂŹomh chòisirean na GĂ idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir GhĂ idhlig Ăleach Ghlaschu / Learn more about Còisir GhĂ idhlig Ăleach GhlaschuCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lĂŹn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.