Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Iain MacPhĂ idein agus air a sheinn le: Ceana Chaimbeul.
This is a song written by: Iain MacPhĂ idein and sung by: Ceana Chaimbeul.
Sèist / Chorus
Ho ro, tha mi fo smalan dheth
An t-uisge beatha chrean mi air
'S e Mac na Braiche fear nan car
'S gur ioma neach a mheallar leis.
Innsidh mi san ealaidh dhuibh
A ghaoth a dh'fhĂ g a' Challainn againn
Bhuail i dĂŹreach cĂšl mo chinn
'S mi tighinn a nĂŹos an Gallowgate.
Thachair seann luchd eòlais
A bh' ann san t-srà id aig Deòrsa rium
Is chaidh mi còmhla riuth' air aoidheachd
Chionn 's e daoine còir a bh' annt'.
Bha fear dhiĂš 's pige bĂ n aige
Is shlaod e fhèin an t-à rcan à s
Is dh'òl mi còrr is là n a' ghlainne
'N Tobar Mhoire thĂ irngneadh e.
Bha fear eile 'g innse dhomh
Gur e chuid fhèin bu bhrÏghmhoire
Bha searrag chruinn don stuth tha còrr
Ă Bogha Mòr an Ăle aige.
Dh'òl mi dha no tri dhiubh siud
Bha Muileach agus Ăleach agam
'S le cuideigin eile còmhl' riuth'
Cha robh 'n còrr a dhÏth orm.
Thug mis an t-sraid an siud orm
Am measg na h-Ăšpraid iongantaich
Ach 's eagal leam gu robh mi faicinn
Rudan nach robh idir ann.
Thug mi George's Square orm
'S gu faicinn fhĂŹn a' BhĂ nrigh ann
Sir Cailean, 's Moore, 's iad fhèin na diÚlnaich
DhĂšraichdinn am fĂ ilteachadh.
Bha 'm Prionnsa 's e ri sanntaireachd
Bha Burns e fhèin 's e canntaireachd
Ach cò bha 'n siud gu h-à rd air stob
Ach Walter Scott 's e dannsadh ris!
Thachair bĂšth lĂ n eunlaith rium
Is solas deà lrach brèagha ann
Chaidh mi staigh 's air cupal tasdan
Bha mi mach is gèadh agam.
Thug mi sĂŹos an t-srĂ id orm
Is thuirt fear facal tĂ ireil rium
'S le car de sgòrnan gheòidh mu m' là imh
Gun tug mi seann strabhĂ illidh air.
Mun gann a bheirinn fead asam
Gun d' èirich iad nan leth-dusain
'S gach fear dhiubh chĂ rainn ris a' ghrunnd
Mar chumadh triĂšir na sheasamh e.
DĂ char mum lĂ imh don amhaich aig'
Bho chĂšl mo chinn ga tharraing orra
A leith'd do lann cha robh aig Fionn
A' cur air chĂšl nan samhanach.
Bha iteach bhĂ n ga reubadh Ă s
'S i falbh tron t-srà id na clèiteagan
Mar dhall-chur sneachd ri aodann cnuic
Is mise mort nan Ăireannach.
Ach thoisich sèideadh fhÏdeagan
Is dh'fhalbh min sin nam shĂŹnteagan
Gun tug mi Ă s le luath 's mo chas
Mar mhoigheach ghlas is mial-chĂš rith'.
Ach sheall mo bhean glè mhÏ-cheutach
Mi dhol a staigh 's an spree orm
Ach thuirt mi "Seo dhut gèadh, a Mhòr
'S chan iarr e mòran spÏonaidh ort."
An lĂ irne-mhĂ ireach b' aithreach leam
Gach nĂŹ mar bha 's mar thachair dhomh
SgĂ inteach mo chnĂ mh bha siud burbail
'S mi air foirm an aithreachais.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òrain, rosg agus bà rdachd MhicPhà idein rin lorg ann an dà leabhar: An t-Eileanach (Archibald Sinclair, Glaschu 1890, 1921) agus Sgeulaiche nan Caol (Archibald Sinclair, Glasgow 1902).
Tha Glasgow and Gaelic Writing le Coinneach Dòmhnallach agus Am Bà rd Gà idhlig agus am Baile Mòr le Michel Byrne agus fiosrachadh eile mu Ghlaschu agus cuid de eachdraidh nan Gaidheal sa bhaile ri leughadh anns an leabhar Glasgow - Baile Mòr nan Gaidheal, deasaichte le Sheila M. Kidd (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007).

Buinidh Ceana Chaimbeul don GhrÏob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil Úidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...
Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana ChaimbeulCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.