Rugadh Iain MacPhà idein ann an 1850 ann am Baile Mhuilinn ann am Muile. B' e an gille bu shine ann an teaghlach as an robh triùir bhalach agus còignear nighean.
Na òige thug e greis ag obair air oighreachd a' Chnuic Ruaidh mus do ghluais e a dh'Àird Driseig aig aois 18 agus an uair sin a Ghlaschu. Fad iomadh bliadhna bha e ag obair dhan an Glasgow and South-Western Railway Company, na gheà rd aig seann stèisean Srà id an Dòchais.
Sgrìobh Coinneach Dòmhnallach ann an artaigil Glasgow and Gaelic Writing:
"MacFadyen is the most obvious example of the local bard transplanted to the city environment and continuing to fulfil his role as humorous observer and recorder of incidents within the urban 'village'."
Agus bha èisteachd dheiseil aig Iain am measg an t-sluaigh a bha a' frithealadh mar eisimpleir na Penny Readings as na h-Assembly Rooms an Glaschu. Seo oidhcheannan de bhà rdachd, leughaidhean, sgeòil-aithris agus òrain a chaidh a stèidheachadh le eildeirean Eaglais Chaluim Chille goirid mus do ghluais Iain don bhaile.
Air prògram Gà idhlig a' BhBC air 29 Dà mhair, 1937, chualas mun deidhinn agus mun bhuaidh a bha aig Iain MacPhà idein air an luchd-èisteachd:
"B' ann air oidhche Shathairne a bha iad air an cumail. Bha mòr-shluagh an là thair is iollach an siud agus glaodhan an seo aig gach aon ann a bhith a' fà ilteachadh cà ch a chèile is a' gairm air na seinneadairean. Cha robh e gun straighlich air uairean.
Am measg nan seinneadairean bha aon duine beag daicheil, pongail, is e an còmhnaidh gu speisealta air a sgeadachadh, aodann air a còmhdach le feusaig a bha dubh san à m sin ged a bha i gu math liath mu dheireadh, is lasag bheothail na shùil a' comharrachadh gum bu dhuine geur, tuigseach, toinisgeil a bha seo.
Sheasadh e an siud gu stòlda is gu ciùin mar a b' à irde a bha an ùpraid gus am biodh iad uile nan tosd is cho sà mhach is gun cluinneadh sibh am prìne fhèin a' tuiteam, agus cha b' ann gus a' sin a thòisicheadh e. B' e sin Iain MacPhà idein. Cha robh aon eile air am bu mhotha meas aca, agus faodar a rà dh gur ann a bu mhotha a bha spèis air mar bu shine bha e a' fà s."
Tha Michel Byrne a' sgrìobhadh mu MacPhà idein ann an artaigil air Am Bà rd Gà idhlig agus am Baile Mòr agus tha e ag rà dh:
"Tha bà rdachd MhicPhà idein a' gabhail ri Glaschu agus ga glòrachadh gu h-aighearach mar à ite-còmhnaidh a' luchd-èisteachd is luchd-leughaidh, agus cleachdaidh i am baile mar à rd-ùrlar nà darra airson nan suidheachaidhean is nan daoine a tha i a' dealbhadh – 's e an à rainneachd mun cluinn sinn Srà id an Dòchais, an t-srà id aig Deòrsa, an Gallowgate agus Margadh an t-Salainn, na Shaws agus am Broomielaw, Cowlairs is Cowcaddens, George's Square is Gilmorehill.
Tha cuid bheag de obair a' coimhead 'air ais' chun na Gà idhealtachd gun teagamh, agus nì e feum à bhachdail no romansach dhen bheà rn eadar coimhearsnachdan dùthchail agus am baile mòr, ach tha Glaschu beò na bhà rdachd mar nach eil aig bà rd Gà idhlig sam bith roimhe no às a dhèidh gu ruige Ruaraidh MacThòmais."
Cluinnear òrain MhicPhà idein fhathast – mar eisimpleir Luinneag an Iasgair (Bail' Inbhir Aora), 'Chì mi Muile nam Beann Fuar', 'Òran a' Mhonkey (Tha Niall air Tighinn à Afraga is Thug e Monkey Dhachaigh Leis)', an t-òran mun t-suirghe thubaisteach a bha aig Mal MacLusgi agus Òran Margadh an t-Salainn. Agus nach iomadh cuirm a tha crìochnachadh le Soraidh Leibh is Oidhche Mhath Leibh.
Chaochail Iain MacPhà idein ann an 1935 aig aois 85 agus tha e air adhlacadh ann an Cladh Cathcart. Bha a bhean, Magaidh, bho Taobh Loch Fìn agus bha aon nighean aca, Anna.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.