Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillĂŹosa, Murchadh Caimbeul agus Seumas C. M. Caimbeul.
This is a song written by: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) and sung by: Anna Latharna NicGillÏosa, Murchadh Caimbeul and Seumas C. M. Caimbeul.
Sèist / Chorus
HÏ rim hò ro, hò ro leatha,
HÏ rim hò ro, hò ro leatha,
HÏ rim hò ro, hò ro leatha,
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill.
An cuala sibhse an tionndadh duineil
Thug an camp bha 'n Cille Chuimein?
'S fada chaidh ainm air an iomairt,
Thug iad Ă s an naimhdean iomain.
DhÏrich mi moch madainn Dòmhnaich
Gu brà igh caisteil Inbhir Lòchaidh;
Chunnaic mi 'n t-arm dol an òrdugh,
'S bha buaidh a' bhlà ir le Clann Dòmhnaill.
DĂŹreadh a-mach glĂšn ChĂšil Eachaidh,
Dh'aithnich mi oirbh sĂšrd bhur tapaidh;
Ged bha mo dhĂšthaich na lasair,
'S èirig air a' chÚis mar thachair.
Ged bhiodh iarlachd a' BhrĂ ghad
An seachd bliadhna seo mar tha e,
Gun chur, gun chliathadh, gun Ă iteach,
'S math an riadh o bheil sinn pĂ ighte.
Air do lĂ imh-sa, Thighearna Labhair,
Ge mòr do bhòsd as do chlaidheamh,
'S iomadh òglach chinne d' athar
Tha 'n Inbhir Lòchaidh na laighe.
'S ioma fear gòrsaid is pillein,
Cho math 's a bha riamh dheth d' chinneadh,
Nach d' fhoad a bhotann thoirt tioram,
Ach foghlam snĂ mh air Bun Nimheis.
'S iomadh fear aid agus pice
Agus cuilbheire chaoil dhĂŹrich
Bha 'n Inbhir Lòchaidh na shÏneadh,
'S bha luaidh nam ban Ă Cinn-tĂŹr' ann.
Sgeul a b' Ă ite 'n uair a thigeadh,
Air Caimbeulaich nam beul sligneach,
H-uile dream dhiubh mur a thigeadh,
Le bualadh lann 'n ceann gam briseadh.
'N latha a shaoil iad a dhol leotha
'S ann bha laoich gan ruith air reothadh:
'S iomadh slaodanach mòr odhar,
A bheir aodann Ach' an Todhair.
Ge b' e dhĂŹreadh Tom na h-Aire,
'S iomadh spòg Úr bh' air dhroch shailleadh,
Neul marbh air an suil gun anam
'N dèidh an sgiÚrsadh le lannan.
Thug sibh toiteal teth ma Lochaidh,
Bhith gam bualadh mu na srònaibh,
Bu lÏonmhor claidheamh claisghorm còmhnard,
Bha bualadh 'n lamhan Chlann Dòmhnaill.
Nuair chruinnich mòr dhragh na falachd,
'N Ă m rĂšsgadh na 'n greidlein tana,
Bha iongnan Dhuimhneach ri talamh,
An dèidh an lÚithean a ghearradh.
'S lionmhor corp nochte gun aodach
Tha nan sĂŹneadh air Chnoc an Fhraoiche
On bhlĂ r an greasta na saoidhean,
Gu ceann Leitir BlĂ r a' Chaorainn.
Dh' innsinn sgeul eile le fĂŹrinn,
Cho math 's nÏ clèireach a sgrÏobhadh,
Chaidh na laoich ud gu 'n dĂŹcheall
'S chuir iad maoim air luchd am mĂŹ-rĂšin.
Iain Mhuideartaich nan seòl soilleir,
Sheòladh an cuan ri là doillear,
Ort cha d' fhuaireadh bristeadh coinne,
'S ait' leam Barra-breac fo d' chomas.
Cha b' e sud an siubhal cearbach
A thug Alasdair do dh'Albainn,
Creachadh, losgadh, agus marbhadh,
'S leagadh leis Coileach Strath Bhalgaidh.
An t-eun dona chaill a cheutaidh,
An Sasunn, 'n Albainn, 's an Ăirinn,
Ite e à cÚrr na sgèithe:
Cha miste leam ged a ghèill e.
Alasdair nan a geurlann sgaiteach,
Gheall thu 'n dè a bhith cur às daibh,
Chuir thu 'n retreuta seach an caisteal,
Seòladh glè mhath air an leantainn.
Alasdair nan geurlann guineach.
Nam biodh agad Ă rmuinn Mhuile;
Thug thu air na dh'fhalbh dhiubh fuireach,
'S retreut air prĂ bar an duilisg.
Alasdair Mhic Cholla ghasda,
LĂ mh dheas a sgoltadh nan caisteal ;
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa,
'S ma dh'òl iad cà il, gun chuir thu asd' e.
'M b' aithne dhuibhse 'n Goirtean Odhar?
'S math a bha e air a thodhar,
Chan innear chaorach no ghobhar
Ach fuil Dhuibhneach an dèidh reothadh.
Sgrios oirbh mas truagh leam bhur cĂ ramh,
'G èisteachd an-shocair bhur pà istean.
Caoidh a' phanail bh' anns an Ă raich,
Donnalaich bhĂ n Earra-ghĂ idheal.
Cuspair an Ărain - BlĂ r Inbhir Lòchaidh
Anns an t-òran 'Là Inbhir Lòchaidh' tha Iain Lom a' toirt cunntas air blà r a chunnaic e le shÚilean fhèin air Didòmhnaich, an dara latha den Ghearran, 1645.
Bha DiÚc Mhontròis a' strÏ air feadh Alba ann an adhbhar RÏgh Theà rlaich I aig an à m seo agus bha a shÚil air fearann nan Caimbeulach, cinneadh nach robh air taobh an rÏgh. Thug e ionnsaigh air Earra-Ghà idheal a thogail creiche 's chuir e seachad dà mhÏos ann, tòrr dhan Úine ri greadhnachas.
Ach le Donnchadh Caimbeul à Achadh Breac air an ceann, bha na Caimbeulaich a' cruinneachadh, mu 3000 dhiubh, agus b' fheudar do Mhontròs gluasad ged nach robh aige ach arm de 1500 duine.
Choinnich an dà arm aig Inbhir Lòchaidh agus mar a tha Iain Lom ag rà dh, "Chaidh an latha le Cloinn Dòmhnaill."
Cha deach tròcair sam bith a nochdadh do na Caimbeulaich an dèidh a' bhatail, agus bha an cuirp air an sgaoileadh feadh mhÏltean timcheall Loch Lòchaidh agus Loch Iall.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Ărain Iain Luim, deasaichte le Anna NicCoinnich, air fhoillseachadh leis An Scottish Academic Press airson The Scottish Gaelic Texts Society, Dun Ăideann, 1964 agus 1973.

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897â1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, Ă Gleann Canaich ...
Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillĂŹosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna â ann an GĂ idhlig agus caochladh chĂ nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillĂŹosa / Learn more about Anna Latharna NicGillĂŹosaRugadh Murchadh Caimbeul air 18 DĂšbhlachd, 1928, ann an Eilean Scalpaigh na Hearadh, an ceathramh mac bu shine den t-sianar mhac a bha aig Coinneach ...
Fiosrachadh air Murchadh Caimbeul / Learn more about Murchadh CaimbeulCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.