
Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897â1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, Ă Gleann Canaich agus bha e ainmeil mar phĂŹobaire agus mar sheinneadair aig an robh iomadh seòrsa òran.
Cha robh Seumas ach bliadhna a dh'aois nuair a ghluais an teaghlach gu ruige Cill Fhaolain an Ceann Tà ile. Ghluais iad a-rithist nuair a bha e còig, an turas seo dhan Dòrnaidh.
B' e an sgrÏobhaiche 's an deasaiche Iain MacLeòid (Alasdair Mòr) a bha na mhaighstir-sgoile as an Dòrnaidh aig an à m agus rinn e cinnteach gu robh eòlas aig a' chloinn air òrain Ghà idhlig.
Nuair a dh'fhà g Seumas Sgoil a' Phluic aig aois 17, chaidh e a dh'obair do Bhanca na h-Alba as an Dòrnaidh.
Chaidh e dhan arm nuair a thòisich an cogadh agus bha e còmhla ris na SĂŹophortaich aig BlĂ r a' Somme. An dèidh sin chaidh e na oifigeach gu rèiseamaid Shasannach agus còmhla riuthasan bha e anns an Ăipheit a' sabaid an aghaidh nan Turcach.
An dèidh a' chogaidh chaidh e air ais don Bhanca, ann a' Lunnainn. Cha b' fhada gus an robh e na rÚnaire aig Comunn Gà idhlig Lunnainn.
Ghabh e Úidh ann an ceòl agus thòisich e a' gabhail leasain ann an seinn. Chaidh e cuideachd a sheinn còmhla ris an London Select Choir agus sheinn e còmhla riutha fo stiÚireadh Sir Thomas Beecham.
Choisinn e Bonn Ăr a' Chomuinn aig Mòd Inbhir Nis sa bhliadhna 1928.
Rinn e chlà raidhean don chompanaidh Columbia agus 's iomadh òran a chlà r e don BhBC agus do Sgoil Eòlais na h-Alba.
Chaochail e sa Ghiblein 1979.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.