Màiri Bhaile Chrò

Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: ailig macDhòmhnaill, coinneach mac a' ghobhainn agus Dòmhnall MacRath.

This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: ailig macDhòmhnaill, coinneach mac a' ghobhainn and Dòmhnall MacRath.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air latha dhomh 's mi falbh nan Ă rd,
Àit'-àraich fir na cròic,
Gun chaill mi m' iĂšil air feadh nam mĂ m
Le bàrcadh trom de cheò;
Bha 'n oidhche dhorcha tarraing teann,
'S mo chridhe fann gun treòir,
Nuair thachair rium a' ghruagach bhĂ n
Air àirigh Bhaile Chrò.

Is thug i cuireadh dhomh gun dĂ il
Gu fàrdaich bhig gun sgòd;
Is thuirt i rium mi dhèanamh tàmh
Gu 'n sgaoil an latha na neòil;
Gum faighinn leabaidh thioram bhlĂ th
De bharrach àlainn òg;
Gum faighinn biadh is deoch is bĂ idh
Air àirigh Bhaile Chrò.

Is lÏonmhor ròs tha fàs fon driÚchd
Nach fhaca sÚil an glòir;
Is lĂŹonmhor maighdeann mhaiseach chiĂšin
Nach deach a cliÚ an ceòl;
Ach riamh cha d' fhosgail ròs fo dhriÚchd
No òigh an cÚirt san Eòrp'
Cho fĂŹnealt' ann an cruth 's am blĂ th
Ri Màiri Bhaile Chrò.

Ged bheireadh baintighearna dhomh lĂ mh,
Le saibhlean làn a dh'òr,
Gur lĂŹonmhor buaireas agus crĂ dh
Tha 'n càradh ris an t-seòrs';
Gum b' annsa bhith air chosg an trĂ th
Le sÏth is gràdh na chòir,
An gleann nan cuach, 's a' ruith nam bĂ ,
Le Màiri Bhaile Chrò.

Nuair thèid i mach sa mhadainn chaoin,
Gu fallain, aotrom, beò,
'S a ghleusas i a duanag ghaoil
An doire mhaoth nan cnò,
Bidh eòin nan geug a' seinn dan àl
Gu h-ait air bhàrr nam meòir;
Ach èistidh iad, 's an cinn fo sgàil,
Ri Màiri Bhaile Chrò.

Tha sĂšilean iochdmhor, baindidh, ciĂšin,
Ag inns' a rÚin gun ghò,
Tha ceum neo-throm 's a cruth gun smĂšr,
Gun mheang, gun lÚb, gun leòn;
Tha mais' is nĂ ire snĂ mh na gruaidh,
Gun fhoill, gun uaill na dòigh,
Mar lilidh mhĂŹn a' fĂ s le buaidh
Aig fuaran Bhaile Chrò.

Mo shoraidh slĂ n gu robh gu brĂ th
Na fàrdaich is na stòr;
Tha ĂŹomhaigh ghrĂ idh nam chuimhne ghnĂ th,
Is briathran blàth a beòil;
Bidh m' aigne lĂ n de ghaol nach cnĂ mh
Gun càirear mi fon fhòd,
Don ghruagach bhĂ n a dhĂšisg mo dhĂ n
Air àirigh Bhaile Chrò.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall MacRath

Dòmhnall MacRath

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tàbost nan Loch, Leòdhas air 26 LÚnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRath

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now