
Rugadh Niall MacLeòid am Poll Osgainn ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach ann an 1843. Bha athair, Dòmhnall nan Òran, na bhà rd agus thà inig leabhar den bhà rdachd aige-san a-mach ann an 1811 nuair nach robh e ach fichead bliadhna a dh'aois.
A rèir coltais cha d' fhuair Niall cus foghlam sgoile ach dh'ionnsaich e Beurla dha fhèin le bhith ga sgrìobhadh 's ga leughadh. Chaidh e a Dhùn Èideann mu 1866 a dh'obair còmhla ri a cho-ogha, Ruaraidh MacLeòid ann an gnìomhachas na tì. Chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha an Dùn Èideann ged a bhiodh e a' siubhal na dùthcha a' reic tì.
Tha mòran òrain a rinn Niall MacLeòid air an seinn chun an latha an-diugh, agus nam measg tha 'An Gleann san Robh Mi Òg', An Gaol a Thug Mi Òg, Fà ilte don Eilean Sgitheanach, Duanag an t-Seòladair, Mo Dhòmhnallan Fhèin, 'Òran na Seana-mhaighdinn', 'Coille Chaoil' agus 'Far an Robh mi 'n Raoir'.
Nochd na h-òrain aige an clò an toiseach ann an 1883 as an leabhar Clà rsach an Doire, air fhoillseachadh le Gilleasbaig Mac na Ceà rdaich an Glaschu.
Ach mar a chaidh a rà dh air program Gà idhlig a' BhBC air 9/02/1944:
"An latha Nèill MhicLeòid bha tuath na Gà idhealtachd air dhroch cà radh. Dh'fhuiling iad ana-ceartas agus ain-tighearnas, fuadach agus sgaradh, agus bha sin trom air spiorad a' bhà ird. Chasaid e na aghaidh, 's cha b' ann aon uair. Ach chan eil a chasaid ach fann, oir cha robh na cheann an teanga nimheil a loisgeas 's a lotas. 'S e th' aige an guth ciùin, sèimh a thà laidheas. 'S docha leinn an dealbh taitneach a dh'fhà g e againn air sluagh suairce, sona 's a' ghleann ' s an robh e òg, na a' ghearan an aghaidh ana-ceartas."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.