Nam Aonar Le Mo Smuaintean

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Iain MacLeòid agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus Seumas Greumach.

This is a song written by: An t-Urr. Iain MacLeòid and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and Seumas Greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nam aonar le mo smaointean
'S a' ghaoth tighinn bho thuath,
Grian òr-bhuidh' mar ghrÏosaich
Cur teine air chuan;
Na caoraich sholt cho sĂ mhach
Len àl sa chnoc mhòr,
Ciaradh feasgair cur a glòir
Air faileas dubh le òr.

Na sabhalan fĂ s gun mullach
Na taighean bha lĂ n,
An-diugh cho fuar 's cho falamh
Am fearann dol bĂ n;
Gun chrann ann, gun speal ann
Gun lĂŹon ann, gun bhĂ t',
Èigheach cogaidh a thug bhuainn
Na balaich thuit sa bhlĂ r.

Ma chlaoidh sinne nĂ mhaid
An-drĂ st' faic prĂŹs buaidh,
Cridhe mĂ thar crĂ idhte
'S na gillean san uaigh;
Cha dèan cliÚ no onair
Treabhadh dhuinn no buain,
Cianail, falamh, sĂŹth a' bhĂ is
Cha till na fir chaidh uainn.

Aig uaigh fhuar Mhic a' Phearsain
'S an sneachda air Peighinn PhĂšir,
Chluich a' phĂŹob port thuiridh
Am peilear bhrag cruaidh;
An cogadh faoin nam Falklands
Thuit Gòrdan ro òg,
'N-uiridh, balach san sgoil Ă rd;
An-diugh, a bhàs ar leòn.

A' ghrian tha dol sĂŹos oirnne
Air prèiridh cur blàiths,
Oidhche tha gar dĂšnadh
DĂšsgadh do chĂ ch;
Aig feasgar dorch ar cĂšrsa
Feith' dÚsgadh là mhòir,
Ciaradh maidne cur a glòir
Air faileas dubh le òr.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Chaidh 'Nam Aonar Le Mo Smuaintean' a sgrìobhadh mar chuimhneachan air Gòrdan Mac a' Phearsain, à Earra-Ghàidheal, a chaill a bheatha, aig aois fiched bliadhna, a' sabaid ann am Blàr Two Sisters Mountain anns na h-Eileanan Faclanach san Ògmhios, 1982.

Tha na h-Eileanan Faclanach, no Eileanan nan Caorach mar a chanadh cuid riutha, mu 300 mÏle bho mòr-thÏr Ameireaga a Deas. Fhuair Breatainn sealbh air na h-Eileanan ann an 1833, ach bha Argentina a' cumail a-mach gur ann acasan a bha còir orra, chionns gu robh iad air iad fhèin a shuidheachadh annta, ann an 1826.

Chaidh feachd le Argentina air tìr anns na h-Eileanan anns a' Ghiblein, 1982, ann an oidhirp an gabhail thairis. Às dèidh cogadh a mhair dà mhìos rinn feachdan Breatannach a' chùis orra agus thàinig air Argentina gèilleadh.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu
Seumas Greumach

Seumas Greumach

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain ...

Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now