Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacPhà rlain agus air a sheinn le: Mà iri C. NicNèill.
This is a song written by: Calum MacPhà rlain and sung by: Mà iri C. NicNèill.
Òigh mo chridhe, òigh mo ghrà idh,
'S fuar an-diugh d' à ite tà imh.
Shearg do dhuilleach, chrìon do bhlà th,
Is chà raich iad san ùir thu.
'S mise tha crà ite, 's mise tha truagh,
Dh'oidhche 's a latha gad ionndrainn uam,
Ghlais iad m' èibhneas anns an uaigh,
'S chan fhuasgail caoidh no tùrs' i.
Bha thu ciùin, bha thu caomh,
Bha gach dùil ort an gaol.
B' i do bhathais mhà lda, chaoin,
Mo ghrà dh a dh'aom air tùs riut.
Thug thu barrachd ann am beus
Bha thu maiseach thar nan ceud
Bha do chruth gun mheang, gun bheud
Is trom mo ghleus gad ionndrainn.
Chaidh thu à s, reul nam buadh
Dh'fhà g thu 'n speur tuille 's luath
Neul a' bhà is, 's e sgar thu bhuam,
'S is tuathal, trom mo chùrsa.
Bha thu rium mar sholas iùil,
Rionnag dheà lrach, sheud mo shùl,
Tha mi nis mar long gun stiùir,
Gun phort am dhùil às d' aonais.
Ach tha speur shuas air nèamh
Air nach gluais ceò no neul,
Iarmailt shoillseach 's à ille sgèimh,
Is deà rrsaidh tu as ùr ann.
Deà lraich thusa nuas am chridh',
'S treòraich mise chun na tìr
Anns an à ill leam leat-sa bhith
A-chaoidh gun dìth, gun chùram.

Buinidh Mà iri C. NicNèill don Bhà gh a Tuath ann am Barraigh. An dèidh an sgoil fhà gail chaidh i gu Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh. ...
Fiosrachadh air Mà iri C. NicNèill / Learn more about Mà iri C. NicNèillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.