Bha Calum MacPhà rlain na sgoilear agus na sgrìobhaiche air iomadh cuspair. Rugadh e air Latha Naomh Anndrais 1853, an Dail Abhaich ri taobh Loch Odha, ann an Earra-Ghà idheal.
B' e Eòghainn Bà n a' Mhuilleir a chante ri athair agus b' e Mòr Nic an t-Saoir ainm a mhà thar. Ged nach robh e ach gu math òg nuair a ghluais an teaghlach gu ruige Pà islig, dh'fhan e dìleas don Ghà idhlig fad a bheatha.
'S i chĂ nain is binne
Air uachdar a' chruinne
Gu òran a ghabhail
Gu òraid a labhairt;
'S gun robh à dh air na seòid
Leis an à ill i bhith beò.
'S i cà nain na cèille
'S i cà nain na fèile
'S i chĂ nain is blĂ ithe
Air bilean na mĂ thar.
B' e a' Ghà idhlig aon de na prìomh chuspairean mu robh Calum a' sgrìobhadh agus cha bu bheag a rinn e airson a dìon agus a gleidheadh, ged nach b' e sin an obair latha a bha aige. Aig aois 15, chaidh e a dh'ionnsachadh a chiùird còmhla ri companaidh ailtirean agus luchd-tomhais fearainn agus b' ann mar sin a bha e a' cosnadh a bhith-beò fad a bheatha.
Air program GĂ idhlig air 07/08/1944, chaidh a bheachd seo a thoirt air mar dhuine:
"Ma bha aon nì sònraichte mu Chaluim MacPhà rlain, b' e an t-sùil gheur leis an sealladh e air duine thar nan speuclairean aige. Bha e mar gum bu lèir dha na rùintean dìomhair a bha air cùl na h-inntinne. Bu choma leis luchd a' mhiodail is an t-sodail. Cha robh fulang idir aige air an fhear chealgach agus, nan d' rinneadh eucoir air, cha robh maitheanais ra fhaotainn. Ach, air a shon sin, bha e là n fealla-dha."
Anns an aon phrògram chaidh sgeulachd innse mu dheidhinn:
"Bha a' charaid seo a' gabhail srà ide an Elderslie far an robh a chòmhnaidh aig Calum. Rinn coigreach suas ris.
"Dh'innseadh dhomh," ars esan, "gu bheil sibhse eòlach air Calum MacPhà rlain. An urrainn dhuibh innse dhomh co ris a tha e coltach?"
Cò bha aig taobh thall na srà ide aig an à m ach am bà rd e fhèin. An uair a chaidh a chomharrachadh don choigreach sheall e air car tacain agus an sin, ars esan, "Chan eil ann ach duineachan beag! 'S ann a shaoil leam-sa a rèir mar a chuala mi gur e duine mòr foghainteach a bh' ann an Calum MacPhà rlain."
"Tha e foghainteach gu leòr," fhreagair am fear eile, "agus creid thusa mise, ged nach eil e ach beag am pearsa, 's ann aig sealbh fhèin a tha fios gu dè an doimhneachd a th' ann!"
A bharrachd air bà rdachd a sgrìobhadh, rinn Calum fuinn do dh'òrain a sgrìobh e fhèin agus cuideachd do dh'òrain a rinneadh le bà ird eile. Chuir e fuinn, mar eisimpleir, ri Cathair a' Chùl-Chinn le Dòmhnall MacLeòid à Cataibh, An t-Eilean Uain' Ìleach le Nigel MacNèill agus òrain le Niall MacLeòid leithid 'A Faigh a' Ghà idhlig Bà s', 'Bha Mi 'N-Raoir an Coille Chaoil', agus 'Far An Robh Mi Raoir'.
Bhiodh e cuideachd a' sgrìobhadh facail ri seann fhuinn agus, mar eisimpleir, sgrìobh e Òigh mo Chridhe, Òigh mo Ghrà idh ri fonn Cumha Mhic an Tòisich.
Bha e fiosrach mu eachdraidh agus dualchas, litreachas agus cĂ nan. B' e a' chiad leabhar a dh'fhoillsich e The Phonetics of the Gaelic Language ann an 1889.
Chuir e mach sreathan de leabhraichean cloinne, nam measg sreath de leabhraichean beaga de dh'òrain Ghà idhlig a dh'ullaich e do sgoiltean, le na tiotalan An Uiseag, An Lòn-dubh, Am Brù-dhearg, agus An Smeòrach. Rinn e faclair cloinne, Am Briathrachan Beag, agus leabhrain sgoile, An Treòraiche, agus An Comh-threòraiche.
Rinn e leabhraichean do dh'inbhich cuideachd, mar eisimpleir Songs of the Highlands a chuir e fhèin agus An t-Athair W. Whitehead a-mach, leabhar mòr eireachdail as a bheil leth-cheud òran le facail agus fuinn, agus eadar-theangachadh gu Beurla uaireannan air a dhèanamh le Calum fhèin.
Dheasaich e Là mh-sgrìobhainn MhicRath airson clò agus 's iomadh duine a chuidich e le leabhraichean a dheasachadh.
Thuirt Iain Dòmhnallach air prògram a rinn e mu dheidhinn don BhBC:
"Thà inig e gu fearachas agus meadhan-aois aig deireadh linn as an robh mòran air tachairt ann an saoghal nan Gà idheal agus na Gà idhlig. Bha aimhreit agus deasbad mu fhearann a' dol, rud mu nach eil sinn fhìn uile gu lèir aineolach. Bha mòran Ghà idheil a' tighinn gu Galldachd agus gu h-à raidh do Ghlaschu is bha iad a' sìor thighinn.
Tha e buailteach gu leòr gu feuchadh iad ri saoghal Gà idhealach a dhèanamh dhaibh fhèin sna bailtean mòra aig cruinneachaidhean is cèilidhean is eile. Bhathar a' cur air chois Chomuinn is bhuidheannan an-siud agus an-seo. Agus bhathar a' dèanamh mòran de sgrìobhadh Gà idhlig ann an leabhraichean agus irisean.
Bha Calum MacPhà rlain a' fuireach faisg air Glaschu far an robh mòran dhe na bha seo a' dol. Bha e eòlach air daoine a bha sàs ann agus bha e nà darra gum biodh e fhèin na lùib cuideachd."
Bha Calum am measg an fheadhainn a stèidhich Comann Gà idhlig Ghlaschu san fhoghar 1887. Bha e na rùnaire ann am bliadhnaichean trà th a' Chomainn agus an dèidh sin na Cheann-suidhe.
Bha e an sàs an obair A' Chomuinn Ghà idhealaich cuideachd agus bha e na bhritheamh aig a' chiad mhòd as an Òban. Thug e greis na rùnaire ged nach robh e an còmhnaidh ag aontachadh ris an t-slighe air an robh An Comann a' dol.
Cha do phòs Calum MacPhà rlain riamh. Bha e a' fuireach còmhla ri a mhà thair agus a phiuthar gus na bhà saich an dithis aca. Chan eil teagamh nach e an t-òran is ainmeil a rinn e, agus 's dòcha is tric a chluinnear fhathast, Mo Dhachaigh.
BhĂ saich Calum MacPhĂ rlain ann an Grianaig, aig aois 77, san t-earrach 1931.
"B' e a thlachd a' GhĂ idhlig, a dhaoine is a dhĂąthaich adhartachadh."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.