Òran mu Leanabh Òg

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Pàdraig Grannd agus air a sheinn le: Calum Ceanadach.

This is a song written by: An t-Urr. PĂ draig Grannd and sung by: Calum Ceanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S leanabh sòlasach mi,
Glè òg chaidh à tÏm,
Chaidh mo threòrach on chÏch don uaigh;
'S ged bu ghoirid mo thĂŹm,
Gabhail fradharc den tĂŹr,
'S mòr th' agam ri innse don t-sluagh.

Nach b' e an teachdair' gun truas,
A thug leis mi cho luath,
On bhroilleach san d' fhuair mi blĂ ths,
'S thug mi don bhanaltram fhuar,
Ris an can iad an uaigh,
Is riamh cha b' aithne dhi truas no blĂ ths.

Ged bu ghoirid mo chuairt,
Fhuair mi fradharc car uair,
Gun robh am peacadh dhomh dualach òg,
'S dh'aithnich mise gu dearbh,
Gun robh esan na nĂŹ searbh,
Toilltinn mallachd is fearg ro mhòr.

Ged nach do pheacaich mi riamh,
Ann an cleachdadh non gnĂŹomh,
Cha deach mi seachad gun phian is bròn,
ThĂ inig puinnsean san fhreumh,
Ann an Adhamh, 's an Eubha,
Ruith mar phlàigh anns gach geug is meòir.

Ach thĂ inig m' Athair le truas,
'S thug e dhachaigh mi suas,
Mun gann dh'fhairich mi truaigh an t-saoghail,
'S ghlan iad mi am fuil an Uain,
'S bhithinn sona gu buan,
A' snĂ mh tuilleadh an cuan a ghaoil.

Bha mi 'm chadal gu blĂ th,
Ann am fasgadh mo mhĂ thar,
Is ga mo phasgadh 's a lĂ mh fo mo cheann,
Nuair thĂ inig teachdair' on bhĂ s,
Thuirt gun siĂšbhlainn gun dĂ il,
'S nach robh fuireach no tĂ mh dhomh ann.

Thug an t-an-shocair buaidh,
'S thĂ inig piantaibh bha cruaidh
'S ruith an lot anns gach buaidh dhem fheòil,
'S ann am mionaid na h-uaire,
Dh'fhĂ s mo bhilean cho fuar,
'S neul a' bhàis air mo ghruaidhean òg.

DhĂšisg mo mhĂ thair le gaoir,
'S thuirt i "M' Ă illeagan gaoil,
Ciod dh'fhairich thu? Chan fhaod thu falbh."
'S rinn i mo ghreimeadh cho teann,
'S cha bhitheadh an dealachadh ann,
Ged bha mo chridhe cho fann 's mi balbh.

Cha robh leigheas fon ghrèin,
Air an cluinneadh iad sgeul,
Nach do chleachd iad gu feum dom fheòil,
Ach is ann shĂ raich iad mi,
'S cha robh stĂ  ann an nĂŹ,
Air chor 's gun d' fhàs mi glè sgÏth dhe an seòl.

Ach chaidh mo mhĂ thair an cĂšil,
'S m' athair dh'ionnsaigh na cĂširt,
'S bha iad tagradh gu dlÚth 's iad fo leòn;
'S thuirt iad rin Athair air Nèamh
"Nis do thoil gun robh dèant',
Oir gu cinnteach 's tu fhèin 's fheàrr còir."

Ach nuair chunnaic iad mi,
Thòisich mulad is strÏ,
Is 's e mi dh'fhuireach ris a b' Ă ill;
Ach leigibh cead dhomh, thuirt mi,
Chum 's gun siubhail mi 'n sĂŹth,
'S e bhith maille ri CrĂŹosd as feĂ rr.

Tha bhur comann dhomh faoin,
'S tha mi ullamh san t-saoghal,
Ged thug sibh dhomh gaol gu leòr,
Carson bhitheas sibh cho dian,
Ga mo chumail am pian,
'S gum bi mi soillseadh mar ghrian an glòir.

SlĂ n leibh airson tĂŹm,
Gus am faic mi sibh rĂŹs,
Anns an àite san tèid crÏoch air bròn,
DlĂšth-leanaibh ri CrĂŹosd,
Is grèim las de gach nÏ,
Tha sibh faicinn an tÏr nam beò.

'S nuair dhĂšin iad mo shĂšil,
ThĂ inig ainglean na cĂširt,
'S thug iad mise leo cho dlĂšth 's cho luath,
'S ann am priobadh na sĂšil,
Bha gach nĂŹ dhomh cho Ăšr
'S ann bha mise an Ierusalem shuas.

Sguir na tuiltean len toirm,
'S thug iad mise Ă s gach stoirm,
'S mar sgiath na maidne thug orm bhith luath;
'S chaidh sinn tro na glinn dorcha,
Far nach bu lèir dhuibh bhur lorg,
Ach thĂ inig sonas nis orm bhitheas buan.

Chaidh sinn mar iolaire aig luaths,
Gu tĂŹr Immanuel shuas,
Dh'ionnsaigh an Ă ite sa bheil sluagh ro naomh,
Is le Alelluia gu buan,
Toirt cliĂš is moladh don Uan,
'S ag òl tuilleadh à cuan a ghaoil.

Nam faiceadh m' athair 's mo mhĂ thair,
Meud mo shonais san Ă it'
Bhitheadh iad toilicht' gun d' fhĂ g mi an saoghal;
'S bhitheadh gach latha mar bhliadhna,
Gus am faigheadh iad triall,
Gu co-chomann ta sĂŹorraidh naomh.

'S ann san àit' seo tha ghlòir,
Tha na sràidean den òr,
'S meas a' fàs de gach seòrsa gu buan;
'S bithidh sinn gu sÏorraidh ag òl,
Às na h-aibhnichean beò,
'S an gaol bith-bhuan ga dhòrtadh nuas.

Tha cuid an seo Ă s gach Ă ite,
Air an tional le grĂ s,
Às gach treubh agus pàirt don t-sluagh,
Ach 's ann aca tha an gaol,
Nach robh leithid measg dhaoin',
Nuair a bha iad san t-saoghal thruagh.

Is anns an àite seo tha 'n ceòl,
Nach tèid mhasgadh le bròn,
Tha e fantainn na òran nuadh,
CliÚ is onair is glòir,
Don tÏ bha marbh is tha beò,
Shaor e sinne on dòrainn bhuan.

'S ann san Ă ite seo tha 'n sluagh,
Chaidh tro dheuchainnean cruaidh,
'S thug e fèin dhaibh a' bhuaidh le bhàs,
'S tha iad nis ann an sĂŹth,
'S fhuair iad pailm mar RĂŹgh,
'S eudach geal a thèid sÏos gun sàil.

Ach 's e mòrachd an uain,
NÏ as glòrmhor tha shuas,
'S e as òirdheirce air an cualas sgeul,
'S leis a' ghlòir tha na ghnÚis,
Tha na nèamhan dha lÚb,
'S tha e tarraing gach sÚil na dhèidh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Dàin Spioradail le Pàdraig Grannd (John Grant, DÚn Èideann, 1897)

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now