Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) agus air a sheinn le: aonghas moireasdan (Aonghas Mòr Sheumais).
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) and sung by: aonghas moireasdan (Aonghas Mòr Sheumais).
Air fail il ail ò 's na hò-ro èileadh
Chuala mi sgeul bha brònach leam,
Tha Ailean mo charaid an-diugh as an t-eug,
Mar chunnaic sibh 'm pà ipear Steòrnabhaigh.
'S mo mhallachd gu brà th aig closach na bÃ
A thuit air a' chlà rsach òr-bhuidhe,
'S a leag chun a' là ir a' cholainn bha blà th,
Mar 's aithne dhan phà ist' a b' eòlaich ort.
O 'ighneagan Chrois, bho Dhail gus am Port
Nach bochd dhuibh nochd bhith meòrachadh,
Fear dheidheadh tron chlais cho socair ri cat,
Fear tarraing air cas cha beò dhuibh e.
'S o tìodhlacadh Ailein a' sealladh aig' bha cianail,
Bha mìle agus ceud is còignear air,
Bha uaislean a' bhaile nan adan 's a' style,
'an Dhùghaill, a' Saidhm 's a' Nògarand.
'S bha Doisean, 's bha Peedle, bha Peter is Sabhtaidh,
Bha Crud leis a' bhroinn is bowler air,
'S bha Kick aig a chasan gu bog-gheanach trom,
'S e shaoileadh tu bh' ann an Dòmhnallach.
'S ann siud a bha sealladh nuair thog iad air falbh thu,
Bha pìobairean 's marbh-phuirt bhrònach ac',
Bha poilis a' marcachd ri cumail ann rian,
Bha provost a' bhaile na robaichean.
'S thà inig wreathan le d' ainm bho oifis an airm,
Geal, buidhe agus dearg 's bu bhòidheach iad,
"Asleep in the Lord" air mòran dhiubh sgrìobht',
Bha R.I.P. 's repose orra.
Ach 's fheudar dhomh aithris gun chuir iad a' bhreug ort,
Innsidh mi sgeul le mòr dhiubh oirr',
Chualas sna Dailean gu robh Ailean air èirigh,
Chunnacas e 'n-dè san Royal e.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.