Bha Ailean Dall Mac Dhùghaill, a rugadh an Gleann Comhann mun bhliadhna 1750, ag ionnsachadh a bhith na thà illeir nuair a chaill e a fhradharc. Chluicheadh e an fhidheall agus, an dèidh sin, bha e a' faighinn beagan cosnaidh a' cluiche aig bainnsean is cuirmean eile.
Mun bhliadhna 1790 ghluais e le theaghlach gu taigh truagh an Inbhir Lòchaidh faisg air a' Ghearastan. An ceann ùine, leis an fhèill a bha air na h-òrain aige, smaoinich e air an deasachadh airson am foillseachadh agus fhuair e cuideachadh bho bhà rd eile, Eòghann MacLachlainn a bha aig an à m na mhaighstir-sgoile an Obar Dheathain, airson sin a dhèanamh.
Goirid an dèidh dhan leabhar aige nochdadh sa bhliadhna 1798, thà inig e fo sgèith Alasdair Ronaldson Dòmhnallach Ghlinne Garadh a thug dha taigh agus taic. Rinn e dà in molaidh do theaghlach Ghlinne Garadh mar a bhiodh dùil, ach òrain air cuspairean eile cuideachd, mar eisimpleir a' mhisg agus an aimhreit a dh'fhaodas i adhbhrachadh eadar fear agus bean.
Tha Iain MacCoinnich, fear-deasachaidh an leabhair, SĂ r Obair nam BĂ rd GĂ idhealach, a' toirt dhuinn dealbh dhan bhĂ rd:
"In personal appearance Allan McDougall was thin and slender and somewhat diminutive in size. He commonly wore a black fillet over his eyes. He was seldom out of humour and very rarely nursed his wrath so long as to lead him to indulge in satire."
Bha cruinneachadh òrain eile leis ga dheasachadh an 1826 agus shiubhail e tro Earra-Ghà idheal, Siorrachd Inbhir Nis agus Ros a' cruinneachadh ainmean dhaoine a cheannaicheadh e. Fhuair e mìle ainm agus chaidh an cruinneachadh gu clò ann an 1829. Gu mì-shealbhach chaochail e mus robh e deiseil agus chaidh adhlacadh ann an Cill Fhianain.
An-diugh 's docha gu bheil sinn a' cuimhneachadh air gu h-à raidh airson 'Òran do na Cìobairean Gallda', a rinn e an aghaidh nan cìobairean Gallda agus an treudan chaorach, a bha dhà san nan samhla air fà sachadh na Gà idhealtachd.
"ThĂ inig oirnn do dh'Albainn crois
Tha daoine bochda nochdte ris
Gun bhiadh, gun aodach, gun chluain,
Tha 'n Aìrde-Tuath an dèidh a sgrios;
Chan fhaicear ach caoraich is uain
Goill mun cuairt dhaibh air gach slios
Tha gach fearann air dol fĂ s
Na Gaidheil 's an cinn fo fhliodh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.