
'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ann an sin a bha an teaghlach an toiseach, mar a dh'innis Dòmhnall Dòmhnallach, a rugadh am Pà irce Shiaboist, is e a' bruidhinn air Ailean air BBC Radio nan Gà idheal:
"'S e Ailean brĂ thair mo mhĂ thair agus 's ann am BrĂą a bha an teaghlach, agus ghluais an teaghlach an uair sin suas a Shiabost. 'S e miseanaraidh a bha an athair Ailein, mo sheanair-sa, agus bha ochdnar san teaghlach, ceathrar bhalach agus ceathrar nighean agus bha triĂąir dhe na balaich a sheinneadh agus 's e Ailean a b' fheĂ rr dhen triĂąir.
Bha brà thair ann air an robh Dòmhnall. Bha esan an Grianaig cuideachd air a' phoilis, agus sheinneadh esan cuideachd. Agus am balach a b' òige, Seonaidh, dh'fhuirich e aig an taigh ann a' Siabost agus bhiodh esan a' seinn aig consairtean as an sgoil ann a' Siabost agus chluicheadh e a' phìob agus am meileòidian. Agus cà il is à raide, cha robh duine dhe na peathraichean a sheinneadh, no co-dhiù a sheinneadh gu math."
An dèidh do dh'Ailean òg Sgoil Shiaboist fhà gail, chaidh e a Ghrianaig, far an do chuir e seachad an còrr de shaoghal.
"Dh'fhà g e an taigh nuair a bha e 15 bliadhna a dh'aois is chaidh e sìos a Ghrianaig mar a chaidh iomadach balach eile, 's a Ghlaschu. 'S e 'n t-adhbhar a chaidh e sìos a' sin, airson ceà ird ionnsachadh, agus bha Ailean ag obair ann an gà rradh-iarainn ann an Grianaig. 'S ann ag obair le fiodh a bha e, pattern maker, a' gearradh fiodh 's a' dèanamh bogsaichean 's rudan dhan t-seòrsa sin airson iarann leaghte a dhòrtadh dha na bucais a bha seo, mar phà irt dhe na bà taichean a bha iad a' togail."
Agus, na sheann aois, dh'innis Ailean fhèin mu bheatha an Grianaig, 's mu theaghlach, do Phà draig Greumach à Borgh, Leòdhas:
"Fhuair mi mo bhith-beò le bhith ag obair aig a' cheà ird sin airson còrr agus leth-cheud bliadhna. Tha facail anns a' Ghà idhlig a tha ag rà dh gur e obair beatha crìochnachadh agus gu dearbh tha sin fìor mu mo thimcheall-sa, a chionns gu bheil mise nise air mo là ithean-cosnaidh a chrìochnachadh aig deireadh na h-Ògmhios sa bhliadhna, 1960. Tha triùir mhic de theaghlach agam, Iain Ailean, Aonghas agus Dòmhnall. Tha an triùir aca pòsta agus dithis mhac an urra aca, agus a-nise tha mise agus Peigi, mo bhean, nar n-aonar mar a thòisich sinn."
Aig aois 16 bhiodh Ailean a' seinn aig na cèilidhean ainmeil a bhiodh an Grianaig aig an à m sin. Bha e cuideachd a' seinn ann an Còisir Ghà idhlig Ghrianaig.
Choisinn e am Bonn Òr aig a' Mhòd Nà iseanta, ann an Dùn Omhainn, ann an 1930. Dh'innis Dòmhnall Dòmhnallach:
"Bha an teaghlach againn fhìn an uair sin gu math pròiseil gun d' fhuair e e, ach chan eil fhios agam dè bha a' choimhearsnachd a' smaoineachadh idir. Bha tòrr aca nach robh air a chluinntinn a' seinn."
Cha do mhair an suidheachadh sin fada. Bha Ailean am measg a' chiad fheadhainn a chuir an guth air clà r ann an Gà idhlig, agus bhiodh e tric air prògraman Gà idhlig a' BhBC, an dà chuid a' seinn agus a' gabhail pà irt ann an dealbhan-cluich is ann an sgeidseachan a bhiodh e fhèin agus Ceit Nic a' Bhreatnaich a' dèanamh suas eatorra. Bha buaidh mhòr aig na clà ir air daoine, mar a bha cuimhne aig Dòmhnall Dòmhnallach:
"'S e chiad chuimhne th' agamsa a bhith ga chluinntinn nuair a thòisich na records a' tighinn, Beltona Records, agus bha gramafon againn fhìn, 's bhiodh sinn ag èisteachd ris. 'S bhiodh mo bhrà thair a' falbh nan taighean leis a' ghramafon agus a' cluiche sin an ìre mhath fad na h-oidhche."
Ged a chuir Ailean seachad a bheatha an Grianaig, bhiodh e fhèin 's an teaghlach a' tilleadh a Phà irce Shiaboist a h-uile samhradh air là ithean-saora, an còmhnaidh air èideadh san fhèileadh, rud a bha na annas aig an à m.
"Tha cuimhn' agam nuair a dheigheadh e a chèilidh a thaighean, can an-drà sta gun deigheadh e a thaigh feasgar, mu thrì uairean feasgar, thòisicheadh e seinn dhaibh son cur seachad na tìde. Agus bha e a' dèanamh sin as a h-uile taigh dhan deigheadh e."
Gu h-à raidh an dèidh a' chogaidh, bha fèill mhòr air Ailean aig cèilidhean agus consairtean an Glaschu, aig cruinneachaidhean Comann Leòdhais is na Hearadh agus an tallaichean leithid Overnewton. Nuair a bhiodh e san eilean as t-samhradh cha robh leisg air a dhol a sheinn aig cèilidhean ann a' Steòrnabhagh agus an à iteachan eile cuideachd:
"Bha aon bhliadhna ann, as t-samhradh, bha Ailean aig an taigh ann a' Siabost air là ithean-saora, agus thurchair aig an aon à m gu robh Eà irdsidh Grannd ann a' Leòdhas cuideachd, bhon bhuineadh bean Eà irdsidh Grannd dhan Achadh Mhòr. Agus chaidh cuireadh a thoirt dhan dithis a thighinn a-nuas dhan a' hut ann a' Siabost.
Agus bha an t-à ite cho là n 's a' chuid mhòr nan seasamh agus bha amhran às dèidh amhran, Eà rdsaidh Grannd, 's Ailean, fad na h-oidhche ann a' sin, 's cha chuala tu leithid a dh'fhuaim a-riamh na do bheatha. Shaoileadh tu gu robh ballachan a' hut air chrith."
Bhiodh Ailean cuideachd a' dèanamh beagan bà rdachd agus bhiodh e a' seinn òran a rinn e fhèin a' moladh bailtean taobh siar Leòdhais agus na daoine a bha fuireach annta:
'S thugainnibh leam, a chuideachd mo ghaoil,
O thugainnibh leam a dh'Eilean a' Fhraoich
Gheibh sibh ann fĂ ilte, furan is aoibh
Bho gach bodach is cailleach san Ă ite.
Nuair a chì iad sibh tighinn a-nuas air fà ire
Tilgidh iad an cliabh, a' spaid is an grĂ p'
Thig iad nad choinneamh a chrathadh do lĂ mh
A ghrĂ idh, gun di don dĂąthaich.
'S bheir iad dhut biadh bhios fallain is lĂ n
Bradan na linne agus adag sa bhĂ gh
Lit agus bainne, aran eòrn' agus cà is'
Sgadan gu annlan buntĂ ta.
Fad leth-cheud bliadhna bhiodh Ailean a' togail an fhuinn ann an Eaglais Shaor Ghrianaig. Cha robh e ach mìos gann air 91 nuair a chaochail e.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.