Ăran air a sgrĂŹobhadh le: MĂ iri Nic a' Phearsain (MĂ iri Mhòr nan Ăran) agus air a sheinn le: Ailean MacIllEathain, Alma Kerr, cairistĂŹona nicDhĂšghaill, Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceana Chaimbeul, Còisir GhĂ idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, dĂšbhghlas macCoinnich, Ina NicDhiarmaid, rona nic a' phiocair agus Seòras Clavey.
This is a song written by: MĂ iri Nic a' Phearsain (MĂ iri Mhòr nan Ăran) and sung by: Ailean MacIllEathain, Alma Kerr, cairistĂŹona nicDhĂšghaill, Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceana Chaimbeul, Còisir GhĂ idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, dĂšbhghlas macCoinnich, Ina NicDhiarmaid, rona nic a' phiocair and Seòras Clavey.
Moch 's mi 'g èirigh air bheagan èislein,
Air madainn Chèitein 's mi ann an Ăs,
Bha sprèidh a' geumnaich an ceann a chèile,
'S a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr;
Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan,
Cur tuar na h-oidhche na dheann fo sgòd,
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas,
Nach fhaigh mi cainnt gus a chur air dòigh,
Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn,
Bhon dh'fhà g mi 'n gleann 'n robh sinn gun ghò;
Bha sruth na h-aibhne dol sĂŹos cho tĂ imhidh,
Is toirm nan allt freagairt cainnt mo bheòil,
'S an smeòrach bhinn suidhe seinn air meanglan,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair bha mi gòrach a' siubhal mòintich,
'S am fraoch a' sròiceadh mo chòta bà n,
Feadh thoman còinnich gun snà thainn a bhrògan,
'S an eigh na còsan air lochan tà imh;
A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach,
'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn,
Gach bot is poll agus talamh toll,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Toirt na mo chuimhn' iomadh nĂŹ a rinn mi
Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil,
A' falbh sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid;
Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa,
Ach dh'fhalbh an t-à m sin 's tha 'n gleann fo bhròn;
Bha 'n tobht aig Anndra 's e lĂ n de fheanntaig,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan,
Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhò,
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach,
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò,
Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair,
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò,
'S nam faicinn sluagh agus taighean suas annt'
Gum fà sainn suaimhneach mar bha mi òg.
An uair a dhĂŹrich mi gual an t-SĂŹthein,
Gun leig mi sgÏos dhÏom air bruaich an lòin;
Bha buadhan m' inntinn a' triall le sĂŹnteig,
Is sÚil mo chinn faicinn loinn gach pòir;
Bha 'n t-sòbhrach mhÏn-bhuidh' 's am beà rnan-brÏde,
An cluaran rÏoghail, is lus an òir,
'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair chuir mi cĂšl ris an eilean chĂšbhraidh,
'S a ghabh mi iÚbhrach na smÚid gun seòl,
Nuair shèid i 'n dÚdach 's a shÏn an Úspairt,
'S a thog i cÚrsa o ThÏr a' Cheò;
Mo chridhe brÚite 's na deòir lem shÚilean,
A' falbh gu dÚthaich gun sÚrd, gun cheòl,
Far nach fhaic mi cluaran no neòinean guanach,
No fraoch no luachair air bruaich no lòn.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha fiosrachadh mu MhĂ iri agus a bĂ rdachd ri fhaotainn san leabhar MĂ iri Mhòr nan Ăran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas GĂ idhlig an h-Alba, 1998)

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...
Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Buinidh Ceana Chaimbeul don GhrÏob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil Úidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...
Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana Chaimbeul
Bha Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiÚireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gà idhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain
'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhĂ s e suas. Ach cha b' ...
Fiosrachadh air Ailean MacIllEathain / Learn more about Ailean MacIllEathain
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus cà irdean a mà thar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma KerrRugadh Ina NicDhiarmaid ann am Port Ghlaschu air 25 Cèitean, 1923. B' e Niall MacDiarmaid, a bhuineadh do Bhaile Phiocair, mu dhà mhÏle tuath air ...
Fiosrachadh air Ina NicDhiarmaid / Learn more about Ina NicDhiarmaidRugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an DĂšn Ăideann agus ghabh e Ăšidh ann an GĂ idhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir GhĂ idhlig Phort ...
Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras ClaveyCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.