Rugadh Ailig MacIllFhinnein, Ailigean 'an Ilip, Ailig Iain Fhionnlaigh Alasdair, anns Na Geà rrannan anns a' Ghiblein, 1927, agus b' i Peigi Choinnich 'an Choinnich a mhà thair. Chaidh e do Bhun-sgoil Chà rlabhaigh agus do Sgoil MhicNeacail an dèidh sin. Bha dithis bhrà ithrean aige, Dòmhnall Murdo agus Fionnlagh, agus aon phiuthar, Ceitidh Mà iri, a bha a' fuireach ann an Àird nan Saor. Chan eil duine dhan teaghlach beò an-duigh.
An dèidh an sgoil fhà gail bha Ailig ag obair beagan bhliadhnaichean ann a' factaraidh an aluminium anns a' Ghearastan. Thill e dhachaigh an uair sin agus bha e ag obair mòran bhliadhnaichean ann am bùth ann an Cà rlabhagh, bùth Dhòmhnaill a' Bhrasaich. Thòisich e an uair sin air postaireachd agus bha e ris an sin gus an do sguir e a chosnadh. Bha e fhèin agus a bhrà thair, Dòmhnall, a' fuireach còmhla agus ag obrachadh croit an teaghlaich.
Bha e fhèin agus a bhrà thair, Fionnlagh, math air seinn agus bhiodh iad tric an là thair aig cèilidhean agus cuirmean-ciùil air feadh Leòdhais. Gu dearbha bha guthan math aig an teaghlach air fad, agus tha cuimhne aig nà baidh dhaibh, Dòmhnall Rodaidh MacLèoid, cho math 's a bha athair Ailig, Iain Fhionnlaigh Alasdair, air seinn agus mar a bhiodh e a' seinn òrain na sheann aois 's e na shuidhe aig doras an taighe, le ogha air a ghlùin.
Chaochail Ailig air 18 Lùnastal, 2004, ann an Ospadal Steòrnabhaigh.
Tha sinn an comain Chairistìona NicIllFhinnein à Bragair, banntrach Fhionnlaigh, brà thair Ailig, agus a nà baidh, Dòmhnall Rodaidh MacLèoid às Na Geà rrannan airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.