'S e glè bheag de dh'fhiosrachadh a th' againn mun bhana-bhà rd Sgitheanach, Beathag Mhòr.
Bhuineadh i do Chille Mhoire agus a rèir an t-Urr. Dòmhnall Buidse, a thug òraid mu deidhinn do Chomann Gà idhlig Inbhir Nis ann an 1973, ri linn fhèin, bha daoine ann fhathast dham b' aithne là rach an taighe aice, Tobhta Beathaig, "am fianais Caisteal Dhùn Thuilm agus os cionn Cà rn Sgoire, a' coimhead a-mach air a' Chuan Sgìth."
Nuair a bha Beathag òg bha i ag obair mar bhanachaig aig Mà rtainnich Dhùn Thuilm agus a' Bhealaich.
Mar a chualas bhon Urr. Buidse air prògram air BBC Radio nan Gà idheal air 29/08/08, "Cha robh i fada an sin, an cùl a' Bhealaich, a' frithealadh do chrodh laoigh agus do chrodh bainne nam Mà rtainneach nuair a thuit i fhèin agus Mà rtainn Òg, mac Dhòmhnaill Mhà rtainn, ann an gaol ro mhòr, gaol a mhair cho fada 's a bha iad le chèile beo. Is ann mu Mhà rtainn agus mun ghaol a thug i do Mhà rtainn a tha na h-òrain uile a tha air tighinn a-nuas thugainn chun an là an-diugh."
B' e Catrìona Dhùghlas a chruinnich agus a sgrìobh sìos am beagan fiosrachadh a tha againn an-diugh mu Bheathag, a' toirt iomradh air na suidheachaidhean as an deach na h-òrain a dhèanamh. 'S ann air an fhiosrachadh sin a stèidhich an t-Urr. Buidse am prògram.
Tha e follaiseach gu robh Beathag beothail is measail air cuideachd.
Aon turas a rèir coltais bha i fhèin is banachagan eile nan cadal air an à irigh nuair a bhrist an crodh a-mach às a' bhuaile tron oidhche.
"Siud far an robh an ùpraid, siud far an robh an spòrs. Ann am meadhan na h-oidhche, iad uile nan ruith a' cuairteachadh a' chruidh, agus na laoigh òga nan cois, mus dèanadh iad call dhaibh fhèin agus do chuid chà ich. Cha do stad an crodh gus an do rà inig iad an cladach, an Lag na Feamainn. Bha an latha geal ann, anns an òg-mhadainn shamhraidh, mun robh an crodh cruinn agus sà bhailte air ais air an à irigh."
Mar a chuir Beathag e:
Tha fonn gun bhith trom
Hùgaibh ò air a' bhanaraich
Tha fonn gun bhith trom.
Bhrist an crodh a' bhuaile
'S an t-suain air a' bhanaraich.
Nuair a chual' i 'n èigheach
Ri lèine chan fhanadh i.
Fhuair mi leisgeul Ă lainn
Bha dhĂ 'n Lag na Feamainn dhiubh.
'S a MhĂ rtainn duinn an DĂąine
Gun siĂąbhlainn air m' aineol leat.
Cha sgrìobh mi is cha leugh mi
'S gur fheudar dhuinn dealachadh.
Chionn 's nach b' ann de na h-uaislean a bha Beathag, cha leigeadh athair le Mà rtainn Òg a pòsadh, fiù 's nuair a rugadh mac dhaibh.
Chaidh i a thadhal air cuideachd Mhà rtainn turas ach cha b' e fà ilte ro bhlà th a fhuair i bho Dhòmhnall Mà rtainn, mar tha i ag innse ann an òran a tha i a' seinn do a mac.
Gur e mo ghaol am fireannach thug gini air an fhĂ inne
Gur e mo ghaol am fireannach thug gini air an fhĂ inne
Gur e mo ghaol am fireannach thug gini air an fhĂ inne
Thug gini air, thug gini air, thug gini air, 's a phĂ igh e.
An cuala tusa, ghaoil, an-diugh, gun ghabhadh air do mhĂ thair?
An cuala tusa, ghaoil, an-diugh, gun ghabhadh air do mhĂ thair?
An cuala tusa ghaoil, an-diugh, gun ghabhadh air do mhĂ thair?
Air mo chuipigeadh le cuip nan each, an doras Dhòmhnaill Mhà rtainn.
Bha An Cùl Bachallach, òran a rinn Beathag an dèidh seirbheis nam Mà rtainneach fhà gail, tric air a sheinn air luaidh an Tròndairnis agus mhìnich an t-Urr. Buidse an t-ainm.
"Bha e na fhasan anns an latha ud do na fir a bhith a' cleachdadh am falt a chaitheamh na chuailean fada sìos thar an guaillean. Agus cha robh fireannach anns an dùthaich ann an sùilean Beathaig, cho maiseach agus cho eireachdail ri Mà rtainn Òg. Bha falt Mhà rtainn, an cùl bachallach, òr-bhuidhe, cuachach, caiseanach agus is iomadh latha a chum i sùil a-mach air an doras, an dòchas gun tigeadh fear a grà idh an rathad a bha i."
A rèir coltais bha naidheachd air a dhol timcheall gu robh Mà rtainn a' dol a phòsadh, ged nach do phòs e riamh. Dh'fhà g e an t-Eilean Sgitheanach.
"A rèir coslas, a rèir eachdraidh, agus a rèir sloinneadh Chloinn 'ic Mhà rtainn, bha Mà rtainn an dèidh seo na dhuine foghlamaichte agus ainmeil. Chan e sin a-mhà in ach tha e ainmeil is aithnichte chun an là an-diugh. Is e Mà rtainn, mac Dhòmhnaill a' Bhealaich, a sgrìobh leabhar a tha cho ainmeil ri leabhar a chaidh a sgrìobhadh a-riamh mu na h-Eileanan an Iar. Is gann a tha sgeilp leabhraichean is fhiach an t-saothair ann an Alba no ann an Sasainn air nach faighear an leabhar seo. Is e an leabhar sin, Martin Martin's A Description of the Western Isles of Scotland."
Chaochail MĂ rtainn ann an Lunnainn.
A rèir an aithris phòs Beathag Iain Dubh, mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill, agus chaidh a mac òg a thogail le na Mà rtainnich. Ach chan e sin buileach deireadh na sgeòil.
"Ùine an dèidh dhi Iain Dubh a phòsadh thà inig soitheach cogaidh a-staigh gu Loch Ùige an Eilein Sgitheanaich agus rinneadh fèis dannsa no bà l airson luchd a' bhà ta agus airson muinntir na dùthcha.
Mar bu dual dhi, a dh'ionnsaigh na bà l chaidh Beathag. Am feadh 's a bha i a' dannsa cuide ri maraiche òg, agus i fèin agus a' fear-pà irt a' dol timcheall ann a' ruidhle, 's ann a thuig i, gun fhiosda dha-san, cò bha seo ach a mac fhèin agus mac Mhà rtainn, dithis ris na dhealaich i agus nach fhaca i bho chionn iomadh bliadhna air ais.
Ghluais an nì a bh' ann spiorad na bà rdachd, spiorad a' chiùil. Dh'fhàs spiorad Beathaig blà th agus aighearach. Thug e air ais na cuimhne là ithean aoibhneach a h-òige agus rinn i, anns an t-suidheachadh sin, am port agus an t-òran ris an canar 'Ruidhle Beathaig'."
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca.
Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca
Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca
Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh.
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Ged tha mi 'n-diugh aig Iain Dubh, mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.