Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

B' e siud an cĂšl,
Seo an cĂšl bachallach,
B' e siud an cĂšl.

Nuair a bha mi òg 's mi ri uaill
'S e dhol a luadh a b' ait leam.

Siud an cĂšl bha bachlach, dualach,
Dh'fhĂ s gu cuachach, cas-bhuidhe.

Siud an cÚl bha bòidheach, dualach,
Òr-bhuidh', cuachach, caiseanach.

Is a MhĂ rtainn dhuinn an DĂšine
'S tu mo rĂšn, nam faicinn thu.

B'fheĂ rr leam gun tigeadh tu dhan tĂŹr
Ma tha thu sgĂŹth den mhachaire.

Ma bhios tu a' siubhal frĂŹth'
'S cinnteach mi gun tachair sinn.

Ma bhios tu siubhal nam fuar-bheann
Thoir sĂšil bhuat 's gu faic thu mi.

Blas na meala air do phògan
Cainnt do bheòil bu docha leam.

Ma thèid thu dh'iarraidh mnà uasail
Na toir tuasaid dhachaigh leat.

Ma bheir thu bean à SÏol Leòid
Gun iarr i mòran fhasanan.

Ma bheir thu bean Ă  SĂŹol Thormoid
Marbhaidh i le macnas thu.

'S ma thèid thu dh'Uibhist an eòrna
Thoir tè bhòidheach dhachaigh leat.

Thoir dhachaigh i, tè shocair, chiallach,
A riaraicheas na Caipteanan.

Thoir dhachaigh i, tè shocair, chiÚin,
A dh'ionnsaicheas mo mhac-sa dhut.

Ach ma sheallas i le feirg air
Gu ma meirg thug dhachaigh i.

Is ma bhuaileas i le fuath e
Guma luath sa chlachan i.

Ach ma bhuaileas i le grĂ dh e
Guma blĂ th fo d' achlais i.

Ach a Mhàrtainn Dhuinn 'ic Dhòmhnaill
NÏ do phòsadh aiceid dhomh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha òraid mu Bheathag a thug an t-Urr. Dòmhnall Budge do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, ann an 1973, ri leughadh anns na Transactions of The Gaelic Society of Inverness, Leabhar 48.

Seinneadairean / Performers

Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triÚir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill

CatrÏona NicDhòmhnaill

Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill, Catrìona Aonghais a' Ghobha ann an Ùige an Eilean Sgitheanaich anns an Dàmhair, 1927, nighean le tè a mhuinntir a' bhaile, Anna ...

Fiosrachadh air CatrÏona NicDhòmhnaill / Learn more about CatrÏona NicDhòmhnaill

Criosaidh M. NicDhòmhnaill

Rugadh Criosaidh "Denny" NicDhòmhnaill ann an Eòlaigearraidh ann am Barraigh, air 9 Ògmhios, 1939. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhàin, ...

Fiosrachadh air Criosaidh M. NicDhòmhnaill / Learn more about Criosaidh M. NicDhòmhnaill
Flòraidh NicNèill

Flòraidh NicNèill

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gàidhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...

Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèill
CairistĂŹona Cheanadach

CairistĂŹona Cheanadach

Thogadh CairistÏona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...

Fiosrachadh air CairistĂŹona Cheanadach / Learn more about CairistĂŹona Cheanadach

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now