Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Mà rt 1940. B' e cà raid a bh' ann fhèin is a bhrà thair Coinneach. Bha an athair bhon an Acha Mhòr, am mà thar à Liurbost, agus bha companaidh saorsainneachd, M.J. MacArthur, aig an teaghlach ann a' Steòrnabhagh. Nuair a bha Calum mu dhusan bliadhna chaidh iad a dh'fhuireach chun an Ach.
Nuair a dh'fhà g e Sgoil MhicNeacail chaidh Calum gu Colaiste a' Chaisteil a dh'ionnsachadh saorsainneachd agus clachaireachd, ach cha do chuir e crìoch air a' chùrsa. An 1958 fhuair e obair an Glaschu aig a' chompanaidh Standard Life agus cha b' fhada a bha e aca gus an d' fhuair e à rdachadh gu ìre neach-sgrùdaidh, stèidhichte an Inbhir Àir, ach a' frithealadh taobh an iar Alba.
Dh'fhà g Calum Standard Life ann an 1968 agus, ann an compà irt le Dòmhnall Skinner, thòisich iad a' meas luach thaighean agus gan reic, ann an Glaschu an toiseach. Shoirbhich an obair sin agus mu dheireadh bha trì oifisean aca an Glaschu agus tè anns an Òban. Reic iad an gnìomhachas an 1988. Fiù 's an dèidh sin, 's iomadh Gà idheal a chuidich Calum gus taigh a cheannach, ann an Glaschu gu h-à raidh.
Bha fèill air Calum mar sheinneadair agus mu dheireadh chuir e roimhe feuchainn airson a' Bhuinn Òir aig a' Mhòd. Bha e as a' chuairt dheireannaich aon trì tursan agus bhuannaich e an t-Òran Mòr trì tursan cuideachd mus do thog e am Bonn Òr ann am Peairt ann an 1980. B' e an t-òran a chuireadh mu choinneamh 'Iain Caimbeul a' Bhanca' ach b' e a roghainn fhèin An Ataireachd Bhuan.
Bha Calum a' seinn ann an Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu fad iomadh bliadhna. Bha e na ionmhasair aca agus na cheann-suidhe airson trì bliadhna. 'S iomadh buidheann ann an Glaschu dhan tug Calum a thaic gu saor-thoileach, nam measg Comann Leòdhais is Na Hearadh, An Lòchran agus Sgoil Ghà idhlig Ghlaschu. Bha ionndrainn mhòr air am measg Gà idheil Ghlaschu nuair a chaochail e air 2 Giblean 2009. Bha e pòsta le aon nighean aige.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.