Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Dòmhnall Mac an t-Saoir (BĂ rd PhĂ islig) agus air a sheinn le: Calum MacArtair, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), dòmhnall eòsaph macFhionghain ('N Eòsag) agus Fionnlagh MacNèill.
This is a song written by: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bà rd Phà islig) and sung by: Calum MacArtair, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), dòmhnall eòsaph macFhionghain ('N Eòsag) and Fionnlagh MacNèill.
E horo Chalum Mhòir, thugainn comh' rium gu dram
Null do bhÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid 's gheibh sinn stòpan de leann,
'S nuair a bhios sinn 'ga òl 's math a chòrdas sinn ann,
Bidh ar n-inntinn air ceòl 's cha bhi òrain oirnn gann
Ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bidh an seòmar cho blà th, bidh an t-à ite cho brèagha,
Air an Ăšrlar fo'r bonn dathan donn, dubh is liath.
ChĂŹ thu putan beag bĂ n air am fĂ isg thu do mheur,
Thig fear-freasgairt mu'n cuairt 's na bheil bhuat a chur sĂŹos
Air do bhialaibh air bòrd.
Dhe gach seòrs' a thèid òl bidh gu leòr fo do shÚil,
Fear a' lÏonadh nan stop 's a' cur cròic air an liunn,
ChĂŹ thu fĂŹon thig o'n SpĂ innt oirr' air fhĂ gail co-dhiĂšbh,
'S chÏ thu eun ann an cèidse shuas gu h à rd os do chionn
Ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
ChĂŹ thu togsaidean bhuat, bidh iad suas air an ceann,
ChÏ thu goc anns gach tè leth na rèiseadh o 'bonn,
Fear tha freasgairt na bĂšth tighinn 'gad ionnsaigh le dram,
'S their e 'n t-airgiod a-null 's their e mĂšthadh a-nall
Ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
ChĂŹ thu dĂŹsnean is tĂ ileasg 'gan cĂ radh air bĂšird,
Gheibh thu pĂ ipear ri leughadh le speuclair dha d' shĂšil,
Bidh gach nÏ mar is còir eadar Dòmhnall 's a bhÚth,
'S chĂŹ thu staidhre dol sĂŹos, Ă it bhios riatanach dhuinn
Ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Gheibh thu searbhadair shĂŹos, gheibh thu siabann is bĂšrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chĂŹochag 'na grĂšnnd.
Gheibh thu sgathan is cĂŹr 's rud a shlĂŹobas a-nĂšll,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chĂšl
Ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid bidh gach seòrs' innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn Chluaidh 's cuid tha nuas as na glinn.
Bidh a' chĂ braid cho cruaidh ann an cluasan do chinn,
'S ged bhiodh bĂ rd ris gach gualainn dhiot 's fuaim ac' air seinn
Ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
"Cuir a-nuas leth tè chruaidh," thuirt fear shuas mu'n cheann à rd,
"Gloine fĂŹon," thuirt fear shĂŹos air bheil fĂŹor choltas ceĂ ird.
"Happy Day, come away," 's e thuirt tè reamhar, bhà n
A bha bhlà th air a sròin, gun do thòisich i trà th
Dhol a bhÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
ChÏ thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
'N dèidh bhith Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dh'fhalbh e 's dh'òl e tè chruaidh 's ghabh an truaghan an caoch,
'S chuir e eòlas an uair sin g'eil smuais anns gach braon
Th'ann am bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Ni sinn cinnteach mu'm falbh sinn Ă balgam no dhĂ
Thig Ă Ăle thar fairg' air eil dealbh an Eich BhĂ in;
Toradh brĂŹgheil an arbhair as ainmeile grĂ n;
Cha bhi rĂŹoghachd na h-Alba neo-shealbhach gu brĂ th
Fhad 's a dh'fhà sas innt' eòrn'.
Gloine mhòr dhe 'n Each Bhà n 's i air clà r mar ri pinnt,
Thèid an t-à ran nas fheà rr leis gach là n a thèid innt';
Cha bhi dhuilgheadas oirn ach chò gann 's tha na buinn,
Cha eil iongnadh ann leam sinn bhith 'g ionndrainn na tĂŹm
Nach robh phrÏs aic' ach gròt'.
Air an aimsir a dh'aom bha mi smaòintinn an raoir,
O, 's ann oidhche Di-h-aoin' bhios am maorach 'ga roinn,
'S mu'n do riaraich mi mhnaoi 's rud an t-aon thoirt d'an chloinn,
Cha b'e pòca cho aotròm a dh'fhaodainn air spiaoid
Thoirt gu bÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bha i fhèin anns an iorghuill 's i cruinneachadh a' mhà il,
Bhiodh am bĂ illidh mu'n cuairt 's e gu gruamach ag rĂ dh-
"Ma tha 'n t-airgiod 'gad dhĂŹth 's mar a lĂŹbhrig thu Ă
Gheibh thu dearbhadh le cinnt bhith 'nad shĂŹneadh Di-mĂ irt
Air an t-srà id air do thòin."
Their na lĂ ithean a dh'aom orm caoineadh nan diar,
Tha a bhlĂ th air an t-saoghal g'eil saorsa dol sĂŹos;
Nuair tha 'm bà rd 's e Di-h-aoine gun bhraon thèid 'na bhial,
'S e air fhĂ gail cho daor aig na daoine gun chiall,
A luchd-riaghlaidh a th'oirnn.
Anns an aimsir a dh'fhalbh thug iad Albainn fo chĂŹs,
Rinn iad ĂŹocshlaint nam buadh a chur suas ann am prĂŹs,
Gus na gheĂ rr iad o'n t-sluagh e, mo thruaighe ri ĂŹnns',
Gun do thrĂ igh iad am fuaran bu dualach dha 'n tĂŹr
Bha na mÏltean ag òl.
ThrĂ igh iad fuaran nam buadh, dh'fhĂ g iad sluagh ann an cĂ s,
Tha na ceĂ rnachan tuath 's iad air thuar a bhith fĂ s;
Tha na fĂ rdraichean fuar a bha uaireigin blĂ th,
'S chan eil Ă bhachd aig cluais mur eil fuaim a' mhuir-lĂ in,
Far am b'à bhaisteach ceòl.
Tha na ceĂ rnachan tuath ac' air thuar a bhith fĂ s,
'S ann tha Ă ireamh an t-sluaigh a' dol suas tha 'nan tĂ mh.
Bidh am BĂ rd Mac-an-t-Saoir fhathast daonnan an sĂ s,
Ach ma tha 's ann 's a' pholl agus toll air a mhĂ s,
Ged tha iad-san air dòigh.
Ach fhuair mi airgiod an dè 's bha e feumail 's an à m,
Ruith an t-ainmhidh a rèis 's fhuair e 'r èiginn a cheann
Chur air thus air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
'S mi cho beartach ri Lord; thugainn còmhla rium-teann,
Sguir a chnuasach dò phòc.
Cuspair an Ărain
B' e BÚth Dhòmhnaill 'ic Leòid taigh-seinnse ann an Glaschu. Bha e air an oisein far a bheil Paisley Road West agus Rutland Crescent a' coinneachadh. B' ann as an Eilean Sgitheanach a bha Dòmhnall MacLeòid agus bha taigh-seinnse eile aige air an robh The Roost, air Dumbarton Road, faisg air Drochaid Phartaig.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha a' bhĂ rdachd aig Dòmhnall Mac an t-Saoir air a cruinneachadh anns an leabhar Sporan Dhòmhnaill - Gaelic Poems and Songs by the Late Donald Macintyre, The Paisley Bard. Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le Somhairle Mac a' Mhaoilein is chaidh an leabhar fhoillseachadh le Scottish Gaelic Texts Society, DĂšn Ăideann 1968.
Chaidh Aeòlus, air a dheasachadh le Bill Innes, agus le CD na chois, fhoillseachadh le Grace Note Publications, Glaschu, 2008.

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhà thair nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois is chaidh ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Mà rt 1940. B' e cà raid a bh' ann fhèin is a bhrà thair Coinneach. Bha an athair bhon ...
Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtair
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèillBBC Š 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.