Anns an leabhar-latha aige dh'innis Calum MacIllEathain mar a chlà r e Am Bròn Binn an toiseach bho Chatrìona NicCharmaig air 20 Faoilleach, 1948:
"Aig seachd uairean thà inig Calum a' Bharraich gam iarraidh leis a' chà r agus sinn a' dol a Hà clait. Thug mi leam an ediphone agus cèirein agus dh'fhalbh sinn. Bha an oidhche à lainn 's a' ghealach à rd as na speuran.
Bha taigh Aonghais Iain MhicIllFhaolain là n chun an dorais nuair a rà inig sinn. Bha seinn a' dol airson cuid mhath dhen oidhche agus bha aon bhoireannach ann, bean Phà draig 'icCarmaig, agus chuir i Am Bròn Binn air cèirean dhomh. Sheinn i gu math e, agus sheinn i òran brèagha eile às dèidh sin, òran nach cuala mi roimhe seo idir."
Air BBC Radio nan Gà idheal air 01/04/1993 dh'innis Mairead NicFhionghain mun eòlas a bh' aice fhèin air Catrìona NicCharmaig:
"Bha Catrìona pòsta aig Pà draig mac Alasdair agus bha iad a' fuireach ann a' Hà clait agus bha taigh beag snasail tughaidh aca ann a' shin, agus gà rradh brèagha aca cuideachd. Bhithinn-sa dol ann gu math tric nuair a bha mi beag agus bhithinn uaireannan a' fuireach aca. Cha robh teaghlach aca fhèin idir.
Ach, aig an à m a bha mise eòlach air Catrìona, cha do thuig mi riamh gu robh i math air na h-òrain no gu robh òrain aice. Cha bhithinn ga cluinntinn a' seinn ach dìreach aon uair tha cuimhne agam bha luadh aice. Bhiodh i fhèin a' snìomh agus chan eil fhios agam a-nis cà it' an robh a' bheairt fhighe, an ann a' Loch a' Chà rnain a bha e, no am Beinn na Fadhla. Chan eil mi cinnteach, ach tha cuimhn' agam a bhith air luadh ann, agus mnathan a' bhaile aice, Peinidh, bean Aonghais Iain, tèile a bha math air seinn, agus iad a' gabhail na h-òrain luaidh ann a' shin."
Bha òrain aig Catrìona nach robh aig duine ach aice fhèin agus bha beachd aig Mairead NicFhionghain co bhuaidhe a fhuair i co-dhiù cuid aca:
"'S ann aig piuthar mo sheanmhair a fhuair i na h-òrain luaidh, tè air an robh Flòraidh, agus bha Flòraidh agus mo sheanmhair, 's e peathraichean de Lachlan Bà n a bh' annta sin, am Pìobaire Bà n man d' thuirt iad. Agus bha an cèol a' ruith as na daoine bha sin. Ach tha teansa gu robh Flòraidh a bha sin, gu robh grunn de dh'òrain aice agus fhuair Catrìona na h-òrain aice."
Dh'innis Mairead cuideachd co ris a bha Catrìona coltach:
"'S e boireannach meadhanach à rd a bh' innte. Cha robh i uabhasach reamhar, dìreach car nà darrach sa chumadh. Bha droch fhradharc aice. Biodh daonnan na glainneachan gu math tiugh aice.
Agus 's ann air falbh ga cosnadh a bha i as an Òban ma na hotels, mar a bha cuid mhòr dhe na boireannaich a bh' ann as an à m a bh' ann. Agus 's e fìor dheagh bhean-taighe a bh' innte. Bha i math le là mhan, 's bhiodh daonnan a h-uile sìon cho snasail aice, i math air bèicearachd 's a h-uile sìon mar sin."
Sgrìobh Calum MacIllEathain mu Chatrìona air 5 Dùbhlachd, 1949:
"'S ann aice a tha na h-òrain as fheà rr a chuala mi ann am Beinn na Fadhla. Tha tuilleadh aice fhathast nach d' fhuair mi sìos idir."
Mus do dh'eug Catrìona NicCharmaig ann an 1965, chuir i fios gu Catrìona Garbutt i tighinn a choimhead oirre ach an ionnsaicheadh i òrain dhi, 's eagal oirre nach biodh iad aig duine às a dèidh. Tha cuimhne bhlà th aig Catrìona Garbutt oirre:
"Rugadh Catrìona ann an Griomasaigh am Beinn na Fadhla, Catrìona Nic a' Phì, nighean 'illeasba' Ghriomasaigh. Bha triùir pheathraichean aice, Mà iri, Ceit agus Mà iri Margaret, agus brà thair air an robh Calum. Bha an dachaigh aca, taigh beag tughaidh, ann an cois a' chladaich an Griomasaigh.
Tha mi a' tuigsinn gu robh Catrìona na h-inbheach ag obair ann an seirbhis-taighe air tìr-mòr, ach 's ann aig an taigh a phòs i Pà draig MacCarmaig a bha a' fuireach air Hà clait air taobh an ear Bheinn na Fadhla.
Bha an dachaigh aig Pà draig agus Catrìona glan sgiobalta, a h-uile rud a bh' ann agus gleans à s, rugaichean brèagha a bha Catrìona fhèin a' dèanamh air na h-ùrlair.
Cha robh teaghlach aca fhèin ach 's e fìor thaigh-cèilidh a bh' as an taigh aca. Bha Catrìona ainmeil air na h-òrain agus bha Pà draig na sgeulaiche. 'S ann bho a mà thair a fhuair i na h-òrain, bhiodh i ag rà dh.
Ghabh Calum MacIllEathain annas mòr do Chatrìona leis cho à raid 's a bha a' repertoire aice, le òrain leithid Am Bròn Binn (air a dhèanamh ionadail ann an Caisteal Bhuirgh!), 'S Daor a Cheannaich mi 'n t-Iasgach, agus 'Na h-Eileanan Diùrach', òran air an robh a bhrà thair, am bà rd Somhairle MacGill-eain, air leth dèidheil.
Tha Catrìona air a h-ainmeachadh anns a' chumha a rinn Somhairle nuair a bhà saich Calum mar "an tè on d' fhuair thu an dà mhìorbhail, Bean MhicCarmaig à Hà clait"."
Tha sinn gu mòr an comain Chatrìona Garbutt airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.