
Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann Tùlabhaig anns an t-Òb air 11 Faoilleach, 1954, nighean Dhòmhnaill Angaidh a' Phiocair às a' bhaile sin.
Tha buinteanas aig a mà thair, Ceitidh Anna NicChoinnich, Ceitidh Anna Choinnich Aonghais Ailein, ri Siadar Bharabhais agus Mealabost an Rubha ann a' Leòdhas. Tha còignear anns an teaghlach, dithis nighean agus triùir bhalach.
Chaidh Criosaidh gu Bun-sgoil an t-Òib agus do Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart. Chuir i an uair sin seachad bliadhna ag obair ann an Taigh-òsta na Hearadh mus do ghluais i a dh'Inbhir Nis far a bheil i air a bhith a' fuireach bhon uair sin.
Thòisich i na banaltram anns an t-seann R.N.I. agus tha i air a bhith ag obair ann an Ospadal a' Rà thaig Mhòir fad deich bliadhna fichead.
Bha Criosaidh a' seinn bho bha i na nighinn bhig, aig na mòdan ionadail ann an Steòrnabhagh agus na consairtean ainmeil a bhiodh ann an Sgoil an t-Òib aig à m Nollaig.
Fhuair i a guth seinn bho dà thaobh an teaghlaich, agus ged nach eil a' seinn air à rd-ùrlar ach i fhèin, tha guth math aig a piuthar Lisa. 'S e a brà thair Coinneach a bhios a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Greyfriars ann an Inbhir Nis, agus 's e brà thair eile, Aonghas, a bhios a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor an t-Òib, mar a bha athair roimhe.
Choisinn Criosaidh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nà iseanta anns an Òban, ann an 1978. Tha i air a bhith na ball de Chòisir Ghà idhlig Inbhir Nis airson fichead bliadhna agus bidh i a' seinn aig cèilidhean is cuirmean bho à m gu à m.
Tha Criosaidh pòsta aig Ailig Cuimeanach à Inbhir Nis agus tha dithis nighean aca, Karen agus Jenna. Tha Jenna ainmeil mar sheinneadair agus tha i air Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich agus am Bonn Òir airson seinn san t-Seann Nòs a' chosnadh aig Mòdan Nà iseanta.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.