Bràigh Àird Àsaig

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan agus air a sheinn le: Criosaidh Nic a' Phiocair.

This is a song written by: Murchadh Moireasdan and sung by: Criosaidh Nic a' Phiocair.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ochòin, a chiallain, nach mis' tha cianail
nach robh mi thall ann an gleanntan m' òige,
far an d' fhuair mi m' Ă rach 's mi na mo phĂ iste
am bràigh Àird Àsaig fo sgàil na mòrbheann.

An sĂšilean m' inntinn tha 'n dealbh cho cinnteach
's ged bhithinn sÏnt' ann an Rubh' na Mònadh -
chĂŹ mi Iosaigh na laighe rĂŹomhach
's a' mhuir a' dÏreadh na mhill sa Ghlòraig.

Mo shĂšil rim ghualainn, tha cruinn mun cuairt dhomh
na beanntan uaine lem bruaichean còinnich,
an Tarcla ghruamach, 's an Cliseam uasal
ag èirigh suas ann gu snuadhmhòr bòidheach.

Air mo chĂšlaibh tha beinn mo ghaoil-sa
far 'n tric a lÚb mi mo ghlÚn rim òige,
Geileabhal ghuanach nan tulach uaine -
mo dhÚrachd buan leat, a luaidh nam mòrbheann.

Na mo bhruadar gur tric mi gluasad
air feadh do bhruaichean 's do chluaintean bòidheach
lem chuilean ruadhghlas a' leum gun uallach,
's bu mhòr mo ghruaimean mur biodh e còmh' rium.

Sa mhadainn Chèitein air feadh do shlèibhtean
a' tional sprèidheadh bu mhòr mo shòlas -
cha bhiodh gruaimean tighinn beò dhomh 'n uair sin
is m' inntinn fuasgailt' a' ruagadh mhòinteach.

O 's tric leam Ă mhghar an cois mo bhĂ rdachd,
's cha dèan mi àicheadh nach fhàs mi brònach -
thig dealt gum shĂšilean, chan eil siud Ăšr dhomh,
's nach fhaod mi stiÚireadh gu dÚthaich m' òige.

Gu Cùl na h-Àirde nì m' inntinn tàladh,
ge b' e àite sam bidh mi seòladh-
an-diugh 's a-mĂ ireach 's gu faigh am bĂ s mi
bidh m' inntinn cràiteach bhon dh'fhàg mi òg e.

A-nis, a chĂ irdean mo ghaoil a dh'fhĂ g mi,
mo shoraidh slàn leibh nur n-àite-còmhnaidh,
san eilean Ă lainn rinn m' altram sĂ bhailt'
's nach dèan mi àicheadh fad 's dh'fhàgar beò mi.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha iomradh air beatha a' bhàird agus dà dhusan òran leis anns an leabhar Bàrdachd Mhurchaidh Mhoireasdain (Na Hearadh), deasaichte le Morag NicLeòid. Chaidh fhoillseachadh le Acair ann an 1992.

Seinneadairean / Performers

Criosaidh Nic a' Phiocair

Criosaidh Nic a' Phiocair

Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann Tùlabhaig anns an t-Òb air 11 Faoilleach, 1954, nighean Dhòmhnaill Angaidh a' Phiocair às a' bhaile ...

Fiosrachadh air Criosaidh Nic a' Phiocair / Learn more about Criosaidh Nic a' Phiocair

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now