Ann an òraid a thug Uilleam MacCoinnich do Chomunn GĂ idhlig Inbhir Nis air 29 Samhain, 1878, dh'innis e gur e Fearchair MacRath, Fearchair mac Iain Ăig MhicRath Ă Ceann TĂ ile a rinn an t-òran Chan e DĂŹreadh a' Bhruthaich agus carson.
A rèir an t-seanchais, bha fear Dòmhnall MacRath na bhà illidh aig MacCoinnich ann an Ceann Tà ile agus bha e dÏoghrasach agus cruaidh a thaobh a bhith togail a' mhà il air an oighreachd.
Chaidh e latha gu taigh Fhearchair agus chionns nach robh airgead a' mhà il aig bean Fhearchair, Nighean Dhonnchaidh, thog e leis bò agus coire copar às an taigh.
Nuair a thill Fearchar an dèidh a bhith sealg, dh'innis a bhean dha mar thachair agus nach ann a thuirt i an uair sin nam biodh an duine aice duineil gu leòr nach gabhadh am bà illidh air a leithid a dhèanamh.
Bha Fearchar air drama no dha a ghabhail agus chuir seo an cuthach air.
Thog e an gunna agus a-mach leis air tòir a' bhà illidh. Rug e air is e a' grunnachadh tarsainn abhainn Choineig. Chuir e urchair ann is thuit am bà illidh marbh dhan abhainn.
Ghreas Fearchair dhachaigh a dh'innse do Nighean Dhonnchaidh mar a thachair.
"A bhean gun tÚr," ars esan, "thug thu ormsa mo chall a dhèanamh. Feumaidh mise teicheadh agus an aire thoir orm fhÏn. Thoir thusa an aire ort fhèin mar is fheà rr a dh'fhaodas tu."
Theich e an uair sin agus cha do stad e gus an do rĂ inig e Caolas nam Bò aig Loch ShĂširn Bheag. Bha brĂ thair athar a' fuireach air taobh thall na luiche ann an Ă ite ris an cante Sgiath Ăirigh 's bha Fearchair an dòchas furtachd fhaighinn an sin.
Ghlaodh e null agus tha e coltach, nuair a chuala brĂ thair athar an èigh, gun d' thuirt e ri mhic fhèin, "Ăiribh, fhearaibh. Tha Fearchair, mac mo bhrĂ thar, thallad, ag iarraidh an aiseig is guth fir calla na cheann."
Chaidh iad a dh'iarraidh Fearchair agus dh'aidich e gu robh e air Dòmhnall Mac Dhonnchaidh Mhic Fhionnlaigh Dubh nam Fiadh a mharbhadh.
A rèir an aithris, cha do rinn seo dragh sam bith do bhrà thair athar. Thuirt e gum biodh e fhèin air a dhèanamh mur a biodh gu robh robh Fearchar air a dhèanamh an toiseach, agus dh'fhuirich Fearchair còmhla riutha grunn mhÏosan.
Thill e an uair sin a Cheann Tà ile agus bha e air falach ann an uamh an Coire Gorm a' Bhealaich. Cha rachadh e a-mach às an uamh gun bonn umha fhà gail air cloich aig beul na h-uamha. Bha e a' creidsinn nach tigeadh duine an rathad gun am bonn a ghoid no a ghluasad 's dh'aithnicheadh e an uair sin am bu chòir dha gluasad.
Aig an à m a bha seo, bha creideas am measg nan daoine na seachnadh murtair a bhith air a ghlacadh fad seachd bliadhna nach b' urrainnear a pheanasachadh. Thug Fearchair seachd bliadhna fon choill air feadh bheanntan is mhonaidhean Chinn Tà ile agus sin nuair a rinn e an t-òran seo.
Nuair a bha na seachd bliadhna seachad, shaoil Fearchair gu robh e nise sà bhailte agus nochd e aig tÏodhlacadh an Cill Dubhthaich. Bha e air airgead èirig a phà igheadh airson bàs a' bhà illidh agus, nuair a chuir caraid dhan bhà illidh às a leth gur e rinn am murt, fhreagair Fearchair "Ma mhurt mis' e, nach do dh'ith sibh fhèin e!" a' ciallachadh gun d' fhuair 's gun do chosg iad an èirig.
Cha toireadh MacCoinnich maitheanais do Fhearchair idir, agus chuir e brath thuige ag rĂ dh nach fhaodadh e gu brĂ th tighinn na shealladh.
Uaireigin an dèidh sin bha MacCoinnich a' dol a Leòdhas agus chaidh Fearchair gun fhiosda dhan chuideachd a bha a' dol còmhla ris.
Nuair a rà inig iad Poll IÚbh bha MacCoinnich a' gearain mu cho beag de dh'fhir Chinn Tà ile a bha sa chuideachd. Thuirt cuideigin ris nach robh sin na iongnadh le nach fhuilingeadh e an duine a b' fheà rr san à ite tighinn na chòir, duine a bha luach fichead duine eile.
Dh'fhaighnich an ceann cinnidh cò bha sin agus nuair a chaidh innse dha gur e Fearchair a bh' ann, mhiannaich e Fearchair a bhith còmhla ris.
Chaidh a rà dh ris nan gealladh e a h-uile saorsa a bh' aig Fearchair ron mhurt a thoirt air ais dha gur dòcha gun tigeadh Fearchair. Rinn e sin agus nochd Fearchair e fhèin dha agus chaidh an cà irdeas eatarra a thogail as Úr.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.