
Rugadh Ina NicDhiarmaid ann am Port Ghlaschu air 25 Cèitean, 1923. B' e Niall MacDiarmaid, a bhuineadh do Bhaile Phiocair, mu dhà mhìle tuath air Eilean Luing, a b' athair dhith agus b' i a mà thair Cairistìona NicIllFhialain a bhuineadh do Pheighinn an Aoirein, Uibhist a Deas.
Bha brà thair a mà thar, Alasdair MacIllFhialain, à Grodhaigearraidh, Uibhist a Deas na phìobaire agus na bhà rd. B' e a sgrìobh òrain leithid 'Uibhist nan Trà igh Leathann Rèidh'.
Bha athair Ina ag obair na shaor ann an gĂ rraidhean-iarrainn Lithgow's ann an Grianaig, ach ghluais an teaghlach Ă s an sin nuair a fhuair Niall obair airson greis air Oighreachd Lithgow ann an Ormsaraidh, ann an Earra-GhĂ idheal, far an deach Ina dhan bhun-sgoil.
Nuair a dh'fhĂ s a h-athair tinn ghluais an teaghlach a Ghrianaig agus chaidh Ina agus a piuthar, Iseabail, do Bhun-sgoil agus do dh'Ă€rd-sgoil Chommercial.
Nuair a dh'fhà g i an sgoil bha Ina ri obair clèireachd ann am Muileann a' Mharina agus an dèidh sin bha an aon seòrsa cosnadh aice aig an Rèidhle, ann an Grianaig an toiseach, agus an uair sin anns an oifig aca ann an Glaschu.
Bhiodh Ina gu tric a' frithealadh nam Mòdan agus bha i na ball de Chòisir Ghà idhlig Ghrianaig. Choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nà iseanta anns an Leargaidh Ghallda, ann an 1956. An dèidh sin bha iarraidh mhòr oirre aig cèilidhean agus cuirmean anns gach à ite. Bhiodh i tric a' seinn aig Comunn Gà idhlig Lunnainn, aig an robh spèis mhòr dhith.
Trà th anns na ceithir-ficheadan dh'fhà g Ina Glaschu airson a dhol a dh'obair do Roinn Taigheadais Chomhairle na Gà idhealtachd. Rinn i a dachaigh ann an Àird Ghobhair. An dèidh a dreuchd a leigeil dhith bha i trang an sàs anns a' choimhearsnachd, anns an eaglais agus a' cuideachadh le còisirean òigridh.
Chuir Ina seachad an dà bhliadhna mu dheireadh de beatha ann an Abbeyfield House, ann am Baile Chaolais, far an robh i air a deagh choimhead às a dèidh.
Chaochail i air 20 Gearran, 2010, aig aois 86.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.