Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Leasachaidhean LibearalachLeasachaidhean gus daoine tinn a chuideachadh

An 1906 gu 1914 chuidich an Riaghaltas Libearalach le bochdainn tro pheinnsean, biadh-sgoile an-asgaidh, Àrachas Nàiseanta is ionadan-obrach.

Part of EachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

Leasachaidhean gus daoine tinn a chuideachadh

Achd an Àrachais Nàiseanta Pàirt 1, 1911

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

A' toirt àrachas slàinte do luchd-obrach a bha a' cosnadh nas lugha na £160 sa bhliadhna.

Bha an neach-obrach:

  • A' pàigheadh 4d. Bha am fastaidhear a' pàigheadh 3d agus an stàit 2d – airson sochair tinneis de 9 tastain.
  • Ma bha e tinn, bha an neach-obrach a' faighinn 10 tastain, airson suas ri 13 seachdainean, an uair sin 5 tastain airson 13 seachdainean eile.
  • A' faighinn leigheas meadaigeach an-asgaidh.
  • A' faighinn 30 tastan sochair màthaireil.

Dìth soirbheachaidh:

  • An dèidh 26 seachdainean far d' obair bha sochairean gan call agus dh'fheumadh Lagh nam Bochd an aire a thoirt air an neach-obrach.
  • Cha robh cuideachadh ann do theaghlach an neach-obrach.
  • Bha mòran an aghaidh gun robh aca ri rud a phàigheadh iad fhèin. Ach cha robh roghainn eile ann.
Trending Now