Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Riochdachadh poilitigeach san RAA' riochdachadh bhoireannaich is bheag-chuidean ann am Pàrlamaid na RA

Tha pàrlamaid na RA air a dèanamh suas de Thaigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean. Bidh Buill Phàrlamaid (BP) a tha air an taghadh a' bhòtadh air cùisean agus air laghan a tha a' toirt buaidh air an RA.

Part of Nuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

A' riochdachadh bhoireannaich is bheag-chuidean ann am Pàrlamaid na RA

Ged a tha slighe mhòr ri dhol fhathast mus bi Taigh nan Cumantan na sgàthan air sluagh na RA, chruthaich taghadh coitcheann 2019 a' Phàrlamaid a b' eadar-mheasgte riamh le barrachd bhoireannaich air an taghadh mar BP, agus cuideachd barrachd BP bho bheag-chuid chinnidheach. A thuilleadh air a seo, chaidh an àireamh BP a tha aithnichte mar LGBT+ cuideachd suas.

Às an t-650 BP ann an Taigh nan Cumantan tha:

  • 226 boireann – 35% dhe na Cumantan
  • 65 bho bheag-chuid chinnidheach – 10% dhe na Cumantan
  • 45 aithnichte gu follaiseach mar LGBT+ – 6.9% dhe na Cumantan
  • 5 le ciorram – 0.75% dhe na Cumantan
  • 173 a chaidh a sgoiltean prìobhaideach – 26.6% dhe na Cumantan

Tha am mìneachadh air 'mion-shluagh cinnidheach' air a thoirt bho Phàrlamaid na RA, a tha a' cleachdadh an teirm airson a h-uile duine ach a-mhàin am buidheann cinnidheach 'geal' ann am Breatainn, agus buidhnean 'geal' agus 'siùbhlaiche Èireannach' ann an Èirinn a Tuath.

Coimeas ri sluagh na RA

Tha dìreach beagan a bharrachd air 50% de shluagh na RA boireann agus mar sin tha reat de 33.8% a' sealltainn nach eil boireannaich air an riochdachadh anns a' Phàrlamaid mar bu chòir. Tha an reat sin air a bhith a' dol suas mean air mhean thar nam Pàrlamaidean mu dheireadh – ann an 2005 bha 20% dhe na Cumantan nam boireannaich; ann an 2010 bha e aig 22%; ann an 2015 bha e aig 29%; agus ann an 2017 bha e aig 32%.

Buinidh 14% de shluagh na RA do bheag-chuid chinnidheach. Tha seo an coimeas ris an reat de 10% de BP ann an Taigh nan Cumantan. Ach tha e nas fheàrr na 2017 nuair nach robh ann ach 8%.

Far nach eil an dàta a tha ri fhaotainn soilleir, thathar a' meas gun robh eadar 1.5 is 5% dhen t-sluagh a bha gan aithneachadh fhèin mar bhuill LGBT+, agus tha na Cumantan a' coimeas gu math ris a sin. Ach ge-tà, tha Stonewall – buidheann carthannais mòr LGBT+ – ag ràdh nach deach gin dhe na tagraichean tar-ghnèitheach a rinn iomairt airson a bhith nam BP a thaghadh.

A rèir rannsachadh a rinn Ionad Poileasaidh a' Chiorraim, bhon Mhàrt 2022, thuirt ochdnar BP gu bheil iad ciorramach. Seo 1.23% de Thaigh nan Cumantan, fhad 's a tha 20% de dhaoine anns an RA gan aithneachadh fhèin le ciorram air choreigin – a' gabhail a-steach slàinte inntinn.

'S ann co-cheangailte ri foghlam a tha an diofar as motha ann an Taigh nan Cumantan. Cha deach ach mu 7% de shluagh na RA a sgoil phrìobhaideach, ach an àireamh a' dol suas gu 26.6% ann an Taigh nan Cumantan. Ach tha seo air a dhol sìos bho 2017.

Trending Now