Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Bochdainn na cruinneAdhbharan airson soirbheachas san t-strì an aghaidh bochdainn

Tha mòran de shluagh an t-saoghail beò ann am fìor bhochdainn. Tha buidhnean leithid nan Dùthchannan Aonaichte, cuide ri buidhnean neo-riaghaltasach (NGOs), a' feuchainn ri smachd a chumail air a' chùis.

Part of Nuadh-eòlasBochdainn

Adhbharan airson soirbheachas san t-strì an aghaidh bochdainn

Fàs air eaconomaidhean

Tha cha mhòr an treas cuid de dhèanatas agus caitheamh an t-saoghail a-nis ann an dùthchannan fo leasachadh. Ro dheireadh 2030, bidh 80% de eagar meadhanach an t-saoghail a' fuireach ann an dùthchannan 'fo leasachadh'. Ach, bidh droch bhuaidh aig Covid-19 air an seo:

  • A rèir Co-labhairt nan Dùthchannan Aonaichte air Malairt agus Leasachadh, thuit tasgadh dìreach, cèin (foreign direct investment no FDI) 42% ann an 2020.
  • A rèir Buidheann Turasachd na Cruinne, bha a' bhliadhna a bu mhiosa riamh aig turasachd ann an 2020, le luchd-siubhail a' tighinn à dùthchannan eile sìos 74% Tha seo a' dèanamh cron gu h-àraidh air eaconamaidhean fo leasachadh a tha gu mòr an urra ri turasachd airson obair agus teachd-a-steach a chruthachadh.

Cobhair

Bhon a chaidh Aonta Ghleann Eagais (Gleneagles Agreement) a ruighinn ann an 2005, thathar air cobhair nan dùthchannan Afraganach a mheudachadh. Gheall an RA gun toireadh iad 0.7% dhen GDP aca do dhùthchannan fo leasachadh. Tha an RA a' cosg mu £10 billean air cobhair gach bliadhna. Ach tha an riaghaltas air an tabhartas aca a ghearradh gu 0.5% de GDP airson 2021, agus 's dòcha mar sin gun cosg iad nas lugha na £10 billean.

Tha gu math nas lugha de dhùthchannan a-nis an eisimeil cobhair. Mar eisimpleir bha coltas gun robh Ghana gu bhith saor bho chobhair, ach chuir galar mòr-sgaoilte Covid-19 bacadh air an adhartas seo. Thug Banca an t-Saoghail $100 millean do Ghana airson an dùthaich a chuideachadh a' strì ri Covid-19. Chaidh an $100 millean seo a thoirt do riaghaltas agus do mhuinntir Ghana mar thaic sa gheàrr-ùine, sa mheadhan-ùine agus san ùine fhada.

Faochadh bho fhiachan

Tha Aonta Ghleann Eagais air faochadh bho fhiachan a thoirt do 36 dùthaich, a' mhòr-chuid dhiubh seo ann an Afraga. Ach tha na fiachan aig iomadh dùthaich air a dhol suas gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh, le Etiopia agus Uganda nam measg sin.

A rèir Banca Leasachadh Afraga, "Sa gheàrr-ùine, tha dùil gun tèid co-mheas fiachan-ri-GDP suas gu mòr gu còrr is 70 sa cheud, bho 60 sa cheud ann an 2019. Tha dùil gun tèid co-mheas fiachan-ri-GDP suas gu mòr airson 2020 agus 2021 anns a' mhòr-chuid de dhùthchannan Afraga, gu h-àraidh ann an eaconamaidhean a tha stèidhichte gu mòr air stòrasan."

Trending Now