Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Poileasaidhean sòisealta agus eaconamach nan NadsaidheanNa bhathar a' sùileachadh air boireannaich

Sna 1930an bha na Nadsaidhean ag ath-armachadh is thàinig mìltean obraichean. Bha dùil gun creideadh daoine an dòigh-beatha Nadsaidheach is sgaoil iad an teachdaireachd aig Ralaidhean Nuremberg.

Part of EachdraidhHitler agus Gearmailt nan Nadsaidhean

Na bhathar a' sùileachadh air boireannaich

  • Bha beachdan soilleir aig Hitler mu àite nam boireannach san stàit Nadsaidhich. Bha iad aig cridhe beatha an teaghlaich, mar bhean-taighe agus mar mhàthair.
  • B' fheudar do bhoireannaich a bha nan dotairean, nan tidsearan agus nan seirbheisich chatharra an obair a leigeil seachad. Fiù 's aig deireadh a' chogaidh, cha robhar uair sam bith ag iarraidh air boireannaich a dhol dha na feachdan armaichte.
  • B' e an obair aca an dachaigh a chumail gu math dhan duine aca agus dhan teaghlach. Bu chòir gur e trì 'K'an: Kinder, Kirche, Kuche (Clann, Creideamh (Eaglais) agus Còcaireachd) a bha cudromach nam beatha.
  • Bha Hitler airson gum biodh reat-breith àrd sa Ghearmailt airson gum fàsadh àireamh an t-sluaigh. Smaoinich na Nadsaidhean fiù 's air lagh a dhèanamh a bhiodh ag ràdh gum feumadh co-dhiù ceathrar chloinne a bhith aig teaghlaichean.
  • Bha Lagh Brosnachaidh a' Phòsaidh a' toirt iasad de 1,000 marc do chàraidean air ùr-phòsadh, agus bha cead aca 250 marc a chumail airson gach leanabh a bh' aca. Bha màthraichean aig an robh còrr is ochdnar chloinne a' faighinn bonn òir.
  • Bha còir aig boireannaich a bhith a' leantainn fasan traidiseanta dhaoine bochda na Gearmailt: èideadh plèan, falt ann am figheachain no ann an ciudha agus brogan flata. Cha bu chòir maise-gnùis no briogais a bhith orra, am falt a dhath no smocadh gu poblach.
Trending Now