Tha mion-sgrùdadh is luachadh earrann èisteachd a’ gabhail a-steach smaoineachadh mu phrìomh adhbhar a’ phìos, stoidhle na h-earrainn is do bheachd pearsanta air cho soirbheachail is a tha i.
- Air bàta a' seòladh faisg air an Eilean Sgitheanach
Air bus luchd-turais.
Tha e soilleir bhon earrainn gur ann air bus a tha na daoine a tha a' cluinntinn seo.
Question
Nad bheachd, dè am prìomh amas a bha aig an earrainn?
- Fiosrachadh a thoirt dha luchd-obrach Caisteal Dhùn Bheagain mun latha-obrach a bha romhpa
- Fiosrachadh a thoirt dha luchd-turais mu na bha romhpa
- Fiosrachadh a thoirt do dhràibhear a' bhus mu na h-àiteachan dham feumadh e dràibheadh
Fiosrachadh a thoirt dha luchd-turais mu na bha romhpa.
Tha e soilleir bhon earrainn gur ann don luchd-turais a tha air bòrd a' bhus a tha am fiosrachadh seo. Tha fiosrachadh air a thoirt seachad nach biodh gu feum ach do luchd-turais, me na seallaidhean a chì iad, mun àite far am faod iad dealbhan a thogail.
Question
Nad bheachd, dè cho soirbheachail 's a bha an earrann seo ann a bhith a' coileanadh a h-amais?
Ma thèid faighneachd dhut mu cho soirbheachail 's a bha teacsa ann a bhith a' coileanadh a h-amais, bu chòir dhut beachd pearsanta a thoirt seachad agus am beachd sin a mhìneachadh.
Mar eisimpleir: Bha i glè shoirbheachail. Bhiodh deagh fhios aig an luchd-turais a thaobh càit am biodh iad aig diofar uairean tron latha agus dè na cothroman a bhiodh aca.