Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Smachd nan Nadsaidhean air a’ GhearmailtGeur-leanmhainn nan Iùdhach

Sna 1930an bha smachd aig na Nadsaidhean air a’ Ghearmailt. Bha geur-leanmhainn air Iùdhaich is eile. Bha an Gestapo is an SS a’ cur eagal air daoine is cha deach mòran nan aghaidh.

Part of EachdraidhHitler agus Gearmailt nan Nadsaidhean

Geur-leanmhainn nan Iùdhach

Tha na leanas a' sealltainn mar a dhèilig na Nadsaidhean ris na h-Iùdhaich anns na 1930an.

1933

Bha leasain sgoile a' nochdadh beachd gun robh na h-Iùdhaich 'untermensch'.

Seachnadh sa Ghiblean

  • Air 1 Giblean 1933, bha bùithtean agus gnìomhachasan Iùdhach rin seachnadh.
  • Chaidh mòran bhùithtean le Iùdhaich a mhilleadh.

1935 - Laghan Nuremberg

  • Chuir na laghan seo às do mhòran chòraichean nan Iùdhach.
  • Bha a' chòir a bhith nan saoranaich Gearmailteach air a dhiùltadh dha na h-Iùdhaich.
  • Bha pòsadh is càirdeas eadar Iùdhaich is Gearmailtich a-nis an aghaidh an lagh.
Clàr airson eachdraidh ghinteil duine obrachadh a-mach an dèidh Laghan Nuremberg
Image caption,
Clàr airson eachdraidh ghinteil duine obrachadh a-mach an dèidh Laghan Nuremberg

1938

  • Dh'fheumadh cairt-aithneachaidh a bhith aig Iùdhach le stamp 'J' oirre.
  • Bha foghlam air a dhiùltadh do chlann nan Iùdhach agus bha iad air an casg às na sgoiltean.
  • Bha aig fir Iùdhach ri 'Israel' a chur ris an ainm aca; agus boireannaich Iùdhach 'Sarah'.

Kristallnacht

  • Oidhche 9 Samhain 1938, thugadh ionnsaigh air dachaighean, gnìomhachasan agus sionagogan Iùdhach air feadh na Gearmailt agus na h-Ostair.
  • Chaidh mu 7,500 bùth Iùdhach a mhilleadh no a sgrios. Chaidh 400 sionagog a losgadh gu talamh.
  • Chaidh faisg air 100 Iùdhach a mharbhadh agus chaidh 30,000 a chur a champaichean cruinneachaidh.
Bùth a chaidh a mhilleadh rè Kristallnacht
Image caption,
Bùth a chaidh a mhilleadh rè Kristallnacht

1939

  • Chaidh a' chiad ghettothan, sin taigheadas air leth ann am bailtean, le smachd air an t-slighe a-steach is a-mach, a stèidheachadh san Roinn Eòrpa an Ear airson na h-Iùdhaich a sgaradh bho shaoranaich 'àbhaisteach'.
  • Samhla Reul Dhaibhidh - air 23 Samhain, 1939 chaidh iarraidh air na h-Iùdhaich Reul Dhaibhidh a chur air an aodach aca. Bha iad nas fhasa an aithneachadh mar sin.
Iùdhaich le samhla Reul Dhaibhidh air an aodach aca
Image caption,
Bho 1939, dh'fheumadh samhla Reul Dhaibhidh a bhith air aodach nan Iùdhach
Trending Now