Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Uilleam UalasBlàr na h-Eaglaise Brice

Shabaidich Uilleam Ualas an aghaidh Shasainn is bhuannaich e Blàr Drochaid Shruighle an 1297. An ath bhliadhna thug feachd Eideird buaidh air Alba san Eaglais Bhric. Chuireadh Ualas gu bàs an 1305.

Part of EachdraidhCogaidhean na Saorsa

Blàr na h-Eaglaise Brice agus fo smachd Shasainn a-rithist

Blàr na h-Eaglaise Brice

Arm Shasainn a' tilleadh a dh'Alba

As t-samhradh 1298, mhèarrs Eideard I a-rithist gu tuath a dh'Alba. Dh'fheuch Ualas ri batal aontaichte a sheachnadh le bhith a' falach na h-armailt aige air na Sasannaich agus a' sgrìos thogalaichean agus bàrr ann an ceann a deas Alba airson gun tigeadh air Armailt Shasainn tilleadh dhachaigh.

Ach, fhuair e fios gun robh Armailt Ualas faisg air an Eaglais Bhric. Choinnich an dà armailt ri chèile san Eaglais Bhric air 22 Iuchar 1298.

Blàr na h-Eaglaise Brice

Bha fada, fada a bharrachd de dhaoine ann an Armailt Eideird I, agus mar sin, shuidhich e na fir leis an dìon bu mhotha a b' urrainn dha.

  • Leis na Sasannaich mu choinneamh, chuir Ualas na fir aige ann an ceithir sioltronan.
  • Bhiodh boghadairean Alba a' dìon nan sioltronan.
  • Bha iad air an dìon air gach taobh le eachraidh Alba.
  • Air beulaibh nan Albannach bha an talamh na bhoglaich, agus bhiodh e doirbh dha na Sasannaich faighinn thairis air.
Map a’ sealltainn slighe feachd Shasainn rè Blàr na h-Eaglaise Brice

Ach bha Armailt Shasainn ro làidir dha na h-Albannaich.

  • Chuir eachraidh Shasainn an ruaig air eachraidh Alba far raon a' bhlàir.
  • Chaidh aig eachraidh Shasainn an uair sin air boghadairean Alba a chur fodha.
  • Gun dìon bhon eachraidh no bho na boghadairean, bha sioltronan Alba ann an cunnart. Nuair a thug na Sasannaich an ath ionnsaigh, bhris na h-Albannaich às a chèile agus chaidh Armailt Alba a mhurt.
Map a’ sealltainn mar a chuir feachd Shasainn feachd Alba chun an iomaill rè Blàr na h-Eaglaise Brice
Trending Now