Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgilean ailseabrachAilseabra

'S e foirmle sa bheil co-dhiù aon chaochladair a th' ann an co-aontar. Tha grunn sheòrsachan ann: co-aontar loidhne dhìreach, ailseabrach, co-amail is far am feum cuspair an fhoirmle atharrachadh.

Part of MatamataigAilseabra

Ailseabra

A' tarraing ghrafan

Gus graf loidhne-dhìreach a tharraing:

  • dèan clàr
  • sgrìobh co-chomharran nam puingean air an loidhne
  • cleachd axes fhreagarrach agus càirich na puingean air an loidhne.

Eisimpleir

1. Tarraing an graf aig \(y = 2x + 1\)

\(x\)-2-1012
obrachadh\(2 \times ( - 2) + 1\)\(2 \times ( - 1) + 1\)\(2 \times ( 0) + 1\)\(2 \times ( 1) + 1\)\(2 \times ( 2) + 1\)
\(y\)-3-1135
\(x\)
-2
-1
0
1
2
obrachadh
\(2 \times ( - 2) + 1\)
\(2 \times ( - 1) + 1\)
\(2 \times ( 0) + 1\)
\(2 \times ( 1) + 1\)
\(2 \times ( 2) + 1\)
\(y\)
-3
-1
1
3
5

2. Na co-chomharran: (-2, -3), (-1, -1), (0, 1), (1, 3) agus (2, 5)

3.

Straight line graph showing y = 2x + 1

Question

Tarraing an loidhne dhìreach le co-aontar \(y = 3x - 2\)

Loidhneachan sònraichte

Tha an aon chaisead aig loidhneachan co-shìnte.

2 parallel diagonal lines

Tha caisead neo-mhìnichte aig loidhneachan bheartagail.

Co-aontar \(x = a\)

Vertical line

Tha caisead de neoni aig loidhneachan còmhnard.

Co-aontar \(y = b\)

Horizontal line
Trending Now